BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 30 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:54 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Mì-chinnt mu atharrachadh RET
MV Loch Portain (Dealbh bho Undiscovered Scotland)
Thèid RET a leudachadh gu mòr, ach tha ceist mu atharrachadh san sgeama son carbadan mòra coimearsalta.
Tha ceist air nochdadh mun bhuaidh a bheir crathadh air sgeama nam faraidhean aiseig saora, RET, air companaidhean bathair.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun cum an sgeama a' dol anns na h-Eileanan Siar, Colla agus Tiriodh san ùine fhada, agus gun tèid a leudachadh gu grunn sgìrean eile.

Bidh aiseagan Cholbhasa, Ile agus Giogha fon sgeama bhon Damhair 2012.

Bho 2014 bidh RET air aiseag Arainn agus as dèidh sin thèid a leudachadh gu grunn slighean eile, nam measg aiseagean Ratharsair, Armadal, Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.

Thuirt an riaghaltas ge-ta gum bi atharrachadh air an sgeama son carbadan mòra coimearsalta.

Thèid an toirt a-mach a sgeama RET is bidh sgeama lughdachaidh eile ann dhaibh stèidhichte air an t-siostam a bh'ann mus robh RET ann.

Tha dragh ann gur dòcha gum fàg sin gun tèid na cosgaisean aig cuid de chompanaidhean bathair an àrd.

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, a tha cuideachd sa chaibineat, gum bruidhinn e ri companaidhean a tha a' creidsinn gu bheil na h-atharrachaidhean a' dol a thoirt droch bhuaidh orra.

Thuirt e gun tog e draghan sam bith a th'orra leis an riaghaltas.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
RET ga leudachadh
29 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy