Gaisgeach gun Urram a' BhBC 2022 - Riaghailtean na Duaise
1. Tha neach sam bith a tha a' còmhnaidh san RA (a' gabhail a-steach Eileanan Chaolas Shasainn agus Eilean Mhanainn) a tha 16 no nas sine air 1 Faoilleach 2020 comasach a bhith air an ainmeachadh, ach a-mhàin feadhainn a tha air na duaisean Gaisgeach gun Urram a' BhBC no gaisgeach gun Urram Neach-spòrs na Bliadhna aig a' BhBC a bhuannachadh cheana, luchd-obrach Buidheann a' BhBC no neach sam bith a tha co-cheangailte ris na duaisean agus an dlùth chàirdean. Feumaidh feadhainn a bhios air an ainmeachadh agus a tha fo aois 18 cead bhom pàrantan mus tèid an ainmeachadh. Is dòcha gun tèid iarraidh oirbh aois, dearbh-aithne, ion-roghnachd agus cead a dhearbhadh (far a bheil sin iomchaidh).
2. Feumaidh an neach a thèid ainmeachadh:
(i) a bhith na neach air leth, no a bhith nan dithis a-mhàin, a tha le chèile an sàs san aon ghnìomh;
(ii) a bhith a' cuideachadh dhaoine a tha an sàs ann an gnìomh corporra no spòrs ann an riochd neo-dhreuchdail (agus feumaidh buidheann riaghlaidh aithnichte a bhith aig a' ghnìomh chorporra). Faic an liosta an seo, external
(iii) a bhith a' tabhann cuideachadh nach eil mar phàirt àbhaisteach den obair no a bhios a' gabhail àite gu nàdarra aig an àite obrach;
(iv) a bhith a' toirt taic gu saor-thoileach gun duais airgid ;
(v) gun a bhith ceangailte ri buidheann aig a bheil ceanglaichean cràbhach no a tha na charthannais;
(vi) a bhith airidh a-rèir beachd an neach-ainmeachaidh air Duais a' BhBC;
(vii) gun mì-chliù a thoirt air a' BhBC (a-rèir ùghdarras a' BhBC a-mhàin); agus
(viii) a bhith air aontachadh no air cead pàrant fhaighinn a bhith air ainmeachadh.
3. Faodaidh ainmeachaidhean a bhith air an dèanamh tro:
bbc.co.uk/unsunghero far am faodar foirm a luchdachadh a-nuas, a lìonadh a-steach agus a chur air post-dealain gu unsunghero@bbc.co.uk, external
No tro bbc.co.uk/unsunghero le ceangal ris an riochd foirm air-loidhne. Faodaidh tagraidhean a bhith nam faidhlichean sgrìobhte, fuaim no bhideo.
Thèid tagraidhean a ghabhail bho 0700 Dihaoine 30mh den t-Sultain 2022 agus feumar am faighinn ro 2359 (uair na R.A.) Didòmhnaich 30mh den Dàmhair 2022. Tha casg air gach dòigh tagraidh - ma bhios barrachd na dà mhionaid de bhideo no fuaim air a chur a-steach cha tèid ach a' chiad dà mhionaid a sgrùdadh. Cha tèid sgrùdadh a dhèanamh ach air a' chiad 800 facal de thagradh sgrìobhte (air-loidhne no ann am post-d).
4. Chan fhaod neach ach aon ainmeachadh a chur air adhart agus bu chòir foirm oifigeil a' BhBC a chleachdadh (air a luchdachadh a-nuas no air-loidhne). Bu chòir do dhaoine a tha ag ainmeachadh cuideigin innse a bheil càirdeas proifeiseanta no pearsanta aca leis an neach no an dithis a tha iad air ainmeachadh.
5. Cuiridh am BBC air dòigh panail a nì geàrr-liosta air nach bi barrachd na naoinear thagraichean airson a' phanail breithneachaidh mu dheireadh.
Is iad slatan-tomhais na geàrr-liosta:
(i)Meud tabhartas an neach-ainmichte aig ìre ionadail a thaobh an spòrs no gnìomh corporra
(ii)A' bhuaidh a tha iad air a thoirt air daoine fa leth agus/no air an coimhearsnachd ionadail; agus
(iii)Na h-ìobairtean pearsanta a tha iad air a dhèanamh no an dealas a tha iad air a nochdadh.
7. Faodar iarraidh air neach sam bith a bhios air ainmeachadh fiosrachadh a thoirt seachad mu dhìtidhean eucoir no sìobhalta sam bith a tha nan aghaidh, no casaidean sam bith a tha fhathast gun tighinn gu ceann. Chan iarr am BBC fiosrachadh mu dhìtidhean aosda sam bith. Ma bhios feum aig a' BhBC air an seo thèid iarraidh air luchd-ainmeachaidh an ainm a chuir ri foirm ceadachaidh aig àm an iarrtais. Feumaidh luchd-ainmichte air an tèid am fiosrachadh seo iarraidh innse dhan BhBC mu atharrachaidhean sam bith a thaobh an fhiosrachaidh a chaidh a thoirt suas chun an àm a thèid an neach a bhuannaich ainmeachadh. Thèid dèiligeadh ris an fhiosrachadh seo ann an dòigh air leth dìomhair, agus, mar fhiosrachadh pearsanta sam bith, a rèir Poileasaidh Prìobhaideachd a' BhBC.
8. Faodaidh am BBC sgrùdadh-beatha a dhèanamh air an fheadhainn a fhuair chun a' gheàrr-liosta. Ma bhios feum aig a' BhBC air a-seo thèid iarraidh air luchd-ainmeachaidh an ainm a chuir ri foirm ceadachaidh aig an àm. Bidh an co-dhùnadh a thaobh an fheadhainn a thèid an taghadh mar luchd-buannachaidh roinneil no a' phrìomh dhuais (a bhios an urra ri co-dhùnadh a' phannal breithneachaidh a-mhàin) a-rèir an fhiosrachaidh a chaidh a lorg no a chaidh innse leis an luchd-inntrigidh fhèin.
9. Coinnichidh pannal bhritheamhan nàiseanta an uair sin gus am prìomh neach-buannachaidh a thaghadh, stèidhichte air na slatan-tomhais a chaidh an ainmeachadh cheana agus pàipearan-taic sam bith. Thathar an dùil gum bi riochdachadh air a' phanal bhon BhBC, prìomh luchd spòrs agus cuideigin a bhuannaich Duais Gaisgeach gun Urram a' BhBC ron seo ma bhios sin comasach. Bidh neach-dearbhaidh neo-eisimeileach a' cumail sùil air a' phròiseas breithneachaidh.
10. Thèid am prìomh neach-buannachaidh ainmeachadh beò air prògram BBC One Sports Personality of the Year 2022 agus thèid cuireadh a thoirt do na tagraichean air fad agus na h-aoighean aca a bhith an làthair.
11. Tha am facal mu dheireadh aig na britheamhan a thaobh cò a bhuannaich. Cha tèid conaltradh a chumail ann an sgrìobhadh mu na duaisean.
12. Gheibh an neach a bhuannaicheas cuach Duais Gaisgeach gun Urram a' BhBC 2022 Chan eil airgead air a thoirt seachad idir agus chan fhaodar an duais a reic no a thoirt seachad do dhuine eile air dhòigh sam bith.
13. Feumaidh an luchd-buannachaidh air fad aontachadh com-pàirteachadh ann an sanasachd an dèidh làimh ma thèid iarraidh orra.
14. Tha am BBC a' gleidheadh a' chòir:
(i) a bhith ag atharrachadh amannan fosglaidh is dùnaidh airson a bhith a' cur a-steach ainmeachaidhean agus airson a bhith ag atharrachadh an ceann-là airson a bhith ag innse cò a fhuair na duaisean;
(ii) neach-ainmichte sam bith a dhì-cheadachadh ma bhriseas e/i na riaghailtean no a tha air foill sam bith a chleachdadh; agus/no
(iii) cur-às do na duaisean no an atharrachadh, no am pròiseas taghaidh is na slatan-tomhais atharrachadh, aig ìre sam bith, ma tha e le beachd fa leth gu bheil sin riatanach no ma dh'èireas suidheachaidhean air nach eil smachd aige.
15. Chan urrainn dhan BhBC, a fo-chunnraidheaan, a fo-chuideachdan agus/no buidhnean uallach sam bith a ghabhail airson fàilligeadh teicnigeach sam bith no mearachd-obrachaidh no duilgheadas sam bith eile a dh'fhaodadh adhbharachadh nach biodh ainmeachadh air a chlàradh ann an dòigh cheart.
16. Bithear a' meas gum bi na daoine a bhios ag ainmeachadh dhaoine agus an luchd-ainmeachaidh iad fhèin a' gabhail ris na riaghailtean sin agus ag aontachadh gun cùm iad riutha.
- Published31 October 2022

- Published17 September 2019

- Published16 December 2018

- Published17 December 2018

- Published28 May 2019

- Published6 June 2018
