Coinneamh seirbheis meidigich ann an Àird nam Murchan
- Air fhoillseachadh

Tha dotairean teaghlaich a' sguir de na seirbheisean aca
Tha riochdairean coimhearsnachd bho Àird nam Murchan gus coinneachadh ri Rùnraire na Slàinte, Nicola Sturgeon, Diciadain, mun dragh a th' orra mu sheirbheis mheidigich na sgìre.
Tha dotairean teaghlaich gus na seirbheisean aca a sguir, agus nurs sgìreil a' sguir den obair.
Tha dragh air a' choimhearsnachd mu na dh'èireas do sheirbheisean meidigeach taobh a-muigh uairean obrach.
Tha NHS na Gàidhealtachd agus Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba ag ràdh gun cuidich nurs eile agus fear-teignigeach charbaid-eiridinn eile leis an t-seirbheis sin.
Chan eil muinntir na sgìre riaraichte ge-tà.
Tha a' choinneamh a' gabhail àite ann an Dùn Èideann.