Spòrs
Latest updates
Alba 1 Slobhinia 2air fhoillseachadh aig 11:44 TSB 7 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio, "Cus mhearachdan bho chluicheadairean le eòlas"air fhoillseachadh aig 09:27 TSB 7 An Dàmhair
Tùs an deilbh, SNSTha ceistean gu leòr ann do choidse ùr na h-Alba Sebastien Pocognoli is an sgioba aige air call 2-1 ri Slobhinia ann an Glaschu ann an Lìog nan Nàiseanan oidhche Mhàirt.
Thàinig seo seachdain às dèidh do Phocognoli a' chiad gheama aige aig Hampden a chall 3-0 ris an Eilbheis.
Ged a bha Ryan Christie air Alba a chur air thoiseach is leth-uair air a' chloc, bhuannaich tadhail bho Matko is Šturm san dàrna leth an geama dha Slobhinia.
Bha grunn chothroman eile aca a bhiodh air an geama a dhèanamh fiù 's na bu chofhurtaile.
"Bha cus mhearachdan ann bho chluicheadairean le eòlas" thuirt Stiùbhart Urchadain, a bha ag aithris air a' gheama do BhBC Spòrs oidhche Mhàirt.
"Bha beàrnan air feadh an àite san loidhne-dìon.
"Tha gu leòr aig a' mhanaidsear ri smaoineachadh mu dheidhinn ach bhiodh e air an t-uabhas ionnsachadh thairis air na ceithir geamaichean seo."
Bidh Alba an dòchas gum bi cùisean nas fheàrr an ath-mhìos nuair a thilleas an sgioba nàiseanta airson gheamaichean an aghaidh Masadonia a Tuath aig Hampden agus an Eilbheis ann an St Gallen.
Oidhche chudromach eile do Phocognoli aig Hampdenair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 6 An Dàmhair
Tùs an deilbh, SNSCluichidh sgioba na h-Alba an ceathramh geama aca ann an nas lugha na cola-deug oidhche Mhàirt nuair a thig Slobhinia gu Hampden ann an Lìog nan Nàiseanan.
Bha na sgiobaidhean mar-tha co-ionnan 0-0 ann an Ljubljana sa chiad gheama fharpaiseach aig Sebastien Pocognoli.
Bhon uairsin tha na h-Albannaich air call 3-0 ris an Eilbheis is air a' chùis a dhèanamh 2-0 air Masadonia a Tuath oidhche Shathairne.
Thogadh trì puingean Dimàirt Alba os cionn Slobhinia sa bhuidhinn.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Calum Dòmhnallach gur e geama cudromach a th' ann dhan choidse ùr aig Alba.
"Ma thèid againn buannachadh bidh a h-uile duine a' faireachdainn math mu dheidhinn Pocognoli.
"Mura tèid bidh 's dòcha ceist no dhà a' nochdadh. Mar sin tha mi a' smaoineachadh gur e sgioba an ìre mhath làidir a bhios ann."
Bidh Calum fhèin ann an sgioba BBC Spòrs oidhche Mhàirt.
Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal is air BBC Sounds is am prògram a' tòiseachadh aig 7f.
Cupa Chlann Dòmhnaill le GA Unitedair fhoillseachadh aig 10:00 TSB 5 An Dàmhair
'S iad GA United a thog Cupa Chlann Dòmhnaill às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 6-5 air Port Rìgh.
'S iad Joel Goldby (3), Ryan Watson (2) is Corey MacIllinnein a fhuair na tadhail do GA United is Kerien Austin (2), Sean MacAnndrais, Iain MacLeòid is Jamie Ros air an targaid do Phort Rìgh.
Dh'fhàg seo GA United aig mullach na buidhne is an cupa a' dol thuca.
Bha geama mòr cuideachd aig Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich Disathairne is iad a' cluich an aghaidh Saint Anthony's à Glaschu ann an Cupa Amaitearach na h-Alba.
Ged a bha sgioba Ghlaschu 2-0 air thoiseach ann am Port Rìgh, thàinig an Iar-Thuath air ais is trì tadhail bho Gus Dòmhnallach gam fàgail air thoiseach.
Fhuair Saint Anthony's breab-peanais a chuir iad dhan lìon, ge-tà, is an geama a' crìochnachadh 3-3.
Feumaidh na sgiobaidhean mar sin cluich a-rithist ann an Glaschu Disathairne seo tighinn.
Caol Bhòid air a dhol sìosair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 5 An Dàmhair
Tùs an deilbh, Thomas Nugent/GeographCha bhi Caol Bhòid ann am Prìomh Lìog na h-iomain an ath-sheusan 'son a' chiad turas bho 2007 is iad air a dhol sìos gu h-oifigeil air an deireadh-sheachdain.
Rinn na nàbaidhean aca Caol-Gleann a' chùis orra 1-0 ann an Clachan Ghleann Da-Ruail Disathairne - rud a bha eachdraidheil ann fhèin is seo a' chiad turas riamh a rinn Caol-Gleann a' chùis air Caol Bhòid aig ìre na ciad sgioba.
'S e Anndra MacBhiocair a chuir an tadhal cudromach.
Tha an dà phuing a' ciallachadh gu bheil cothrom fhathast aig Caol-Gleann fhèin fuireach sa Phrìomh Lìog.
Tha dà gheama aca air fhàgail - ri chèile an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich - is a h-uile coltas gum bi feum aca air rudeigin bhon dà gheama sin.
Ghabh na Sgitheanaich iad fhèin ceum mòr a dh'ionnsaigh a bhith sàbhailte nuair a rinn iad a' chùis air Cabar Fèidh 4-2 ann an Srath Pheofhair.
Chuir Dàn Dòmhnallach is Eàirdsidh Millar dà thadhal ri chèile dha na Sgitheanaich is Blair is Craig Moireasdan air an targaid 'son Cabers.
Cha robh Craig - a tha air a bhith air a ghoirteachadh 'son ùine - air a' phàirc ach gu sgiobalta 'son buille-peanais a chur dhan lìon.
Thog seo na Sgitheanaich os cionn Loch Abair san lìog.
Tha aona gheama air fhàgail aig na h-Abraich is sin an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich, is dùil gum bi sùil gheur acasan air na thachras anns na geamaichean eadar Caol-Gleann is na Sgitheanaich.
San Lìog Nàiseanta rinn Inbhir Aora a' chùis 4-1 air Lòbhat.
'S e 4-1 a bha ann cuideachd dha Cill Mhàilidh an aghaidh Loch Carran ann an Lìog Tuath 2.
Thog seo Cill Mhàilidh gu bàrr na lìge os cionn Camanachd Leòdhais, is chuir e às mar sin dha dòchas sam bith a bh' aig na Leòdhasaich air an tiotal.
Luchd-taic Alba 'dòchasach fhathast'air fhoillseachadh aig 16:26 TSB 2 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio, Tha co-dhiù cuid den Arm Thartan dòchasach fhathast mu fhireannaich na h-Alba fo stiùir Sebastien Pocognoli.
Bithear an dòchas na 3 puingean fhaighinn ann am Masadonia a Tuath oidhche Shathairne.
Dàrbaidh mòr Chomhghaill air a ghluasadair fhoillseachadh aig 11:01 TSB 1 An Dàmhair
Tùs an deilbh, Thomas Nugent/GeographChaidh an geama mòr aig bonn Prìomh Lìog na h-iomain Disathairne eadar Caol-Gleann is Caol Bhòid a ghluasad bho Chlachan Ghleann Da-Ruail gu Stèideam Dhùn Omhain.
Tha na nàbaidhean aig bonn na lìge an-dràsta.
Chan eil cùs dòchais ann do Chaol Bhòid is thèid iad sìos gu h-oifigeil Disathairne ma chailleas iad.
Tha Caol-Gleann iad fhèin ann an suidheachadh dùbhlanach is bidh dà phuing deatamach dhaibhsan ma tha cothrom gu bhith aca An t-Eilean Sgitheanach no Loch Abar a ghlacadh.
Bidh an geama ann a-nise air a' phàirc uachdaraich ann an Dùn Omhain aig 2:30f
Tha dùil ri uisge trom air a' Ghàidhealtachd Dihaoine a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air clàr na h-iomain Disathairne, anns a bheil grunn gheamaichean cudromach.
A bharrachd air a' gheama ann an Dùn Omhain, tha dà gheama mòr eile sa Phrìomh Lìog.
Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich an dà phuing an aghaidh Cheann Loch Seile ann an Rèaraig air neo bidh an tiotal aig Baile Ùr an t-Slèibh.
Bidh na Sgitheanaich ag amas air na puingean ann an Srath Pheofhair an aghaidh Chabar Fèidh 'son sreap air falbh bhon bhonn.
Mac an t-Saoir airson is gun tig an Open a dh'Alba nas triceair fhoillseachadh aig 15:30 TSB 30 An t-Sultain
Tùs an deilbh, PAThuirt Raibeart Mac an t-Saoir nach eil an Fharpais Fhosgailte a' tighinn a dh'Alba tric gu leòr.
Thug an goilfear às an Òban seachad a bheachd air thoiseach air Farpais Alfred Dunhill Links, a thòiseachas Diardaoin.
Bidh an fharpais ann thairis air ceithir là eadar Cill Rìmhinn, Càrn Ùstaidh is Kingsbarns.
Bha Mac an t-Saoir a' bruidhinn ann an Cill Rìmhinn, far an robh an Open ann an 2022 is far am bi farpais 2027.
Bha an Open cuideachd ann an Alba san Truthail ann an 2024.
Tha Mac an t-Saoir ag ràdh gu bheil feum air an fharpais a bhith ann an Alba nas trice agus air farsaingeachd de raointean.
"Tha mi den bheachd nach eil an Open ann an Alba cho tric 's a bu chòir na làithean seo.
"An seo fhèin (Cill Rìmhinn), Càrn Ùstaidh, Muirfield - b' fheàrr leam gun robh iad uile a' nochdadh.
"Na raointean seo - 's e raointean ceart, dùbhlanach a th' annta uile," thuirt e.
Thòisich an Open bho thùs ann an 1860 aig Preastabhaig is bha an fharpais ann an Alba a h-uile bliadhna gu 1894, nuair a chaidh a cluich 'son a' chiad turas ann an Sasainn aig St George's.
Bhon uairsin tha an fharpais air gluasad eadar raointean ann an Alba is Sasainn, is i cuideachd trì tursan air a bhith ann an Èirinn a Tuath.
Oidhche dhuilich do dh'Alba is Sebastien Pocognoli aig Hampdenair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 30 An t-Sultain
Tùs an deilbh, SNSThuirt coidse ùr na h-Alba gu bheil e a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean aige an aghaidh Masadonia a Tuath Disathairne às dèidh dhaibh call 3-0 ris an Eilbheis aig Hampden oidhche Mhàirt.
Chaidh Alba sìos gu deichnear tràth sa gheama nuair a phut Jack Hendry Dan Ndoye gu làr.
Chuir Ricardo Rodriguez am breab-saor an uairsin dhan lìon is Alba air toiseach-tòiseachaidh uabhasach a dhèanamh sa chiad gheama fo stiùir Pocognoli aig Hampden.
Thàinig tadhail eile bho Nico Elvedi is Zeki Amdouni san dàrna leth.
"Chan eil e furasta an aghaidh dheagh sgioba is le deichnear", thuirt Pocognoli.
"'S ann mu dheidhinn dè nì sinn a-nise a tha e. Bha cairt dhearg mhì-fhortanach ann is chaidh am breab-saor a-steach - cha b' urrainn na bu mhiosa.
"Rinn na balaich an dìcheall is bidh sinn an dòchas gum bi sinn a' coimhead air ais air an oidhche seo ann an dòigh dhiofraichte air a' cheann thall."
Bidh Alba a-nise an aghaidh Masadonia a Tuath ann an Skopje oidhche Shathairne is an uairsin an aghaidh Slobhinia a-rithist aig Hampden oidhche Mhàirt.
"A' coimhead air mar a tha cùisean air a dhol gu ruige seo, tha e cothromach a ràdh gur e Masadonia a Tuath an sgioba as miosa sa bhuidhinn againn," thuirt Iain MacDiarmaid, a bha ann an sgioba aithris BBC Spòrs aig Hamden oidhche Mhàirt.
"Ma tha sinn a' dol a dh'fhaighinn phuingean air falbh bhon taigh is ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn na stoidhle cluiche ùr a bhith air a chur an sàs - mar a chaidh a chur an sàs san dàrna leth an aghaidh Slobhinia - 's e an geama seo Disathairne a th' ann."
Pocognoli 'son an tuilleadh adhartais fhaicinn air fhoillseachadh aig 13:00 TSB 29 An t-Sultain
Tùs an deilbh, SNSThuirt coidse ùr na h-Alba gu bheil e airson is gun tòisich an sgioba aige an geama an aghaidh na h-Eilbheis aig Hampden oidhche Mhàirt mar a chrìochnaich iad an aghaidh Slobhinia Disathairne.
Bha Alba is Slobhinia co-ionnan 0-0 ann an Ljubljana sa chiad gheama aig Sebastien Pocognoli os cionn na sgioba ach chluich Alba gu math nas fheàrr san dàrna leth às dèidh dhaibh tòiseachadh car slaodach.
"Tha mi airson is gun cluich sinn 'son 90 mionaidean mar a chrìochnaich sinn ann an Slobhinia," thuirt Pocognoli.
"'S e briseadh-dùil a bh' ann nach do bhuannaich sinn - cha robh sinn riaraichte le aona phuing.
"Ach 'son a' chiad gheama gabhaidh sinn e".
Beò
Cluinnear an geama ann an Lìog nan Nàiseanan oidhche Mhairt beò air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 7f.
Bidh Calum Dòmhnallach am measg na bhios ann an sgioba aithris BBC Spòrs is tha esan den bheachd gu bheil adhbhar aig Pocognoli a bhith misneachail.
"Bidh Pocognoli air gu leòr fhaicinn Disathairne gu bheil Alba comasach air tadhail a chur an aghaidh sgiobaidhean mar Slobhinia," thuirt Calum air Aithris na Maidne.
"Bidh dùbhlan nas motha rompha an aghaidh na h-Eilbheis ach chan eil sin a' ciallachadh nach tèid aca air an tadhal a tha sin a chur."
Fuamhairean Bhàideanach am measg nan tadhalair fhoillseachadh aig 09:47 TSB 28 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, Thàinig an seachdamh tadhal aig Ceann a' Ghiùthsaich bho Roddy Young - ach bha buille mhòr ann cuideachd is Young air a ghoirteachadh aig an dearbh àm
Seachdain às dèidh dhaibh coinneachadh ann an cuairt dheireannach Chupa na Camamachd thill Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gu geamaichean lìge is iad ri chèile a' buannachadh 7-0.
Cha robh coltas ann gun do rinn am partaidh mòr a bh' aca às dèidh an cupa a bhuannachadh cron air Ceann a' Ghiùthsaich is iad a' toirt pronnadh air Loch Abar aig an Dell.
Chuir Roddy Young còig de na seachd tadhail e fhèin, ach bha buille ann dha fhèin is dhan sgioba nuair a ghoirtich e a ghlùin fhad 's a bha e a' cur an tadhail mu dheireadh den là.
Cha robh coltas ro mhath air idir is bidh Ceann a' Ghiùthsaich a-nise an dòchas nach eil seusan Young seachad agus trì geamaichean lìge fhathast aca ri cluich.
Bidh fear dhiubh sin an aghaidh a' Bhaile Ùir is a h-uile coltas ann gur e an geama a dh'innseas cò bhuannaicheas an tiotal.
Ghabh am Baile Ùr an rathad fada gu Taigh na Bruaich is iad 'son faighinn seachad gu sgiobalta air a' bhriseadh-dùil a bh' acasan sa chuairt dheireannaich.
Bha iad cus ro mhath do Chaol Bhòid is Steven Dòmhnallach gan cur air thoiseach às dèidh seachd mionaidean le buille-peanais.
'S e 3-0 a bh' ann aig letheach-slighe is thàinig ceithir tadhail eile san dàrna leth - trì dhiubh bho Iain Robinson - is feasgar gu math cofhurtail aig a' Bhaile Ùr.
Blàr aig a' bhonn
Sna geamaichean sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-0 air Cabar Fèidh is 's e 6-0 a bh' ann dha Ceann Loch Seile an aghaidh Caol-Gleann.
Tha geama mòr a-nise aig Caol-Gleann an aghaidh nan nàbaidhean aca Caol Bhòid Disathairne seo tighinn - geama a dh'fheumas iad buannachadh ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.
San Lìog Nàiseanta thàinig seusan lìge doirbh do Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal gu ceann nuair a chaill iad 5-0 ri Inbhir Aora, a dh'èirich iad fhèin dà àite san lìog.
Tha cothrom fhathast aig GMA crìochnachadh le duais ge-tà, is iad gu bhith a' cluich ann an Cupa a' Mhòid air an 10mh den Dàmhair an aghaidh Obar Dobhair.
Cuideachd air an deireadh-sheachdain dh'èirich na Leòdhasaich gu bàrr Lìog Tuath 2 nuair a rinn iad a' chùis 3-1 air Srath Ghlais sa gheama mu dheireadh aca den t-seusan.
'S iad Paddy Wilson, Ally MacLaomainn is John Slaughter a fhuair na tadhail dha na Leòdhasaich agus Ciaran Melens air an targaid do Shrath Ghlais.
Feumaidh na Leòdhasaich a-nise feitheamh 'son faicinn mar a thèid do Cill Mhàilidh is Loch Abar is cothrom acasan leum os on cionn ma bhuannaicheas iad na geamaichean mu dheireadh aca.
Cuairt dheireannach Chupa MalCivils dheth chun na h-ath-bhliadhnaair fhoillseachadh aig 16:18 TSB 23 An t-Sultain
Tùs an deilbh, Island FootieFo-thiotal an deilbh, 'S iad Am Bac a bhuannaich Cupa MalCivils an-uiridh.
Dhearbh cathraiche Chomann Ball-coise Leòdhais is Na Hearadh gun tèid cuairt dheireannach Chupa MalCivils am-bliadhna a chur dheth chun a' Ghiblein 2027.
Bha còir aig a' gheama eadar Barraigh is Am Bac a bhith ann Disathairne seo tighinn, às dèidh mar a chaidh a chur dheth an t-seachdain seo chaidh air sgàth na droch shìde.
Thuirt cathraiche a' chomainn, Brian Mac a' Ghobhainn, gu bheil an t-sìde agus trioblaidean siubhail dualtach buaidh a thoirt air a' gheama seo leis gu bheil am Foghair oirnn.
"'S ann air sgàth sin gur e spòrs samhraidh a th' ann am ball-coise sna h-Eileanan an Iar," thuirt e.
"Le sin, ghabh sinn an co-dhùnadh cuairt dheireannach Chupa MalCivils 2026 a ghluasad chun a' Ghiblein 2027.
"Thèid an dearbh là air an tèid an geama a chluich ainmeachadh nas fhaisge air an àm," thuirt e.
'S e seo an cupa airson sgiobaidhean nan Eilean Siar air fad.
'S iad Am Bac a bhuannaich an fharpais an-uiridh nuair a rinn iad a' chùis air an Rubha anns a chuairt dheireannaich 4-3.
Ros "na shàr eisimpleir" do cluicheadairean Cheann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 14:17 TSB 21 An t-Sultain

Fo-thiotal an deilbh, Raghnall Ros a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn às dèidh a' gheama mhòir Disathairne
Rinn sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich moladh mòr air a' mhanaidsear aca Raghnall Ros às dèidh dha an sgioba a stiùireadh gu Cupa na Camanachd air an deireadh-sheachdain.
Rinn Kings an gnothach 2-1 air na seann nàimhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh san Òban.
'S e seo a' chiad turas a tha Raghnall air Cupa na Camanachd a bhuannachadh mar mhanaidsear, ged a chàrn e stòras iongantach de bhuinn thairis air iomadh bliadhna mar chluicheadair.
Chaidh e na mhanaidsear air a' chluba an àite Iain Borthwick aig deireadh an t-seusain an-uiridh is Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a chall, rud a bha car connspaideach aig an àm.
'S e an sgiobair, Ruairidh MacAnndrais, a chuir an dà thadhal sa chuairt dheireannaich san Òban Disathairne agus Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt na duaise air ais bho Bhaile Ùr an t-Slèibh.
Thuirt MacAnndrais gu bheil Ros air buaidh mhòr a thoirt air a' chluba mar mhanaidsear.
"Tha na tha Raghnall a' cur a-steach na shàr eisimpleir," thuirt MacAnndrais.
"'Tha iomain agus an cluba seo aig teis-meadhan a bheatha agus tha sinn uile a' faicinn sin.
"Tha e cho fìor chudromach dhuinn," thuirt e.
Le Cupa na Camanachd a-nise air ais ann an Ceann a' Ghiùthsaich, tha aire a' tionndadh dhan bhlàr eadar iad fhèin is Baile Ùr an t-Slèibh aig mullach na Prìomh Lìge.
Cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Loch Abair Disathairne seo tighinn is Baile Ùr an t-Slèibh air an rathad gu Taigh na Bruaich.
Tha a h-uile coltas ann gur e an geama eadar na nàbaidhean air an 10mh den Dàmhair a dh'innseas cò gheibh an làmhan air an tiotal.
Dithis às Inbhir Nis ag iomradh do dh'Albaair fhoillseachadh aig 14:43 TSB 18 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, Dè tha an luchd-taice a' smaointinn?air fhoillseachadh aig 10:42 TSB 18 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, Kings 'son an cupa a thoirt "à làmhan nan seann nàimhdean againn"air fhoillseachadh aig 09:27 TSB 18 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, "Feumaidh sinn a dhèanamh airson nan daoine"air fhoillseachadh aig 09:18 TSB 18 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, Mar a bhuannaich am Baile Ùr Cupa na Camanachd an-uiridhair fhoillseachadh aig 08:57 TSB 18 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, County aig bàrr Lìog 1air fhoillseachadh aig 08:49 TSB 16 An t-Sultain
Chaidh Ross County gu mullach Lìog 1 oidhche Mhàirt nuair a thug iad pronnadh uabhasach 8-0 air Queen of the South.
Chuir Chris Hamilton is Brian Greumach na Staggies 2-0 air thoiseach taobh a-staigh dìreach ochd mionaidean agus sin mar a bha cùisean aig leathach slighe.
Chuir Hamilton is Greumach tadhail eile tràth san dàrna leth is thàinig an uairsin a dhà eile bho Kieran Phillips.
Cha robh County deiseil is thàinig tadhail eile anns na deich mionaidean mu dheireadh bho Richard Chin agus Jamie Lindsay.
Thog na h-ochd tadhail County os cionn Hamilton Accies aig mullach na lìge, ged a tha iad co-ionnan air 16 puingean.
Tha Queen of the South aig a' bhonn is toiseach-tòiseachaidh gu math doirbh air a bhith aca air an t-seusan seo.
"Bha sinn fìor mhath is gach turas a chaidh rudeigin air choireigin ceàrr oirnn, chuir na balaich ceart e," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Chum iad orra tron gheama air fad is sheall a h-uile cluicheadair gu bheil rudeigin aca."
Duaisean gu leòr an Druim na Drochaidair fhoillseachadh aig 10:02 TSB 14 An t-Sultain

Fo-thiotal an deilbh, Thog Gleann Urchadain tiotal na Lìge Nàiseanta air beulaibh an luchd-taice aca fhèin an Druim na Drochaid
Bhuannaich Gleann Urchadain an Lìog Nàiseanta is iad a' cur crìoch air sàr sheusan le droinneadh 8-1 a thoirt air Inbhir Aora ann an Druim na Drochaid.
Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach às dèidh dìreach trì mionaidean is ged a fhreagair Ailean Dòmhnallach do dh'Inbhir Aora, 's ann a ghabh sgioba a' Ghlinn an uairsin smachd làidir air a' gheama.
Bha iad 6-1 air thoiseach aig letheach slighe le dà thadhal a bharrachd bho MhacLeòid is trì bho Daniel MacIllEathain.
Bha an dàrna leth na bu shàmhaiche is dìreach dà thadhal ann, iad sin a' tighinn bho MacIllEathain is bho Neale Reid.
Tha sin a' fàgail an tiotail aig a' Ghleann agus Lòbhat a' dol suas còmhla riutha san dàrna àite - rinn iadsan a' chùis 2-0 air Cill Mhàilidh Disathairne.
Às dèidh dhan gheama eadar Gleann Urchadain is Inbhir Aora a bhith seachad bha geama mòr eile air a' phàirc ann an Druim na Drochaid - sin cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlanaich eadar Lochside Rovers is Ceann Loch Seile.
'S e geama faisg a bh' ann is na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig letheach slighe.
Chuir Mata Rippon Lochside air thoiseach tràth san dàrna leth is bha coltas ann gun robh an cupa a' dol dhan Òban.
Sia mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama ge-tà, agus leis a' bhuille mui dheireadh, chuir Donnchadh MacMhaolain tadhal gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan 3-3 is feum air leth-uair a bharrachd.
Chuir MacMhaolain an uairsin Ceann Loch Seile 4-3 air thoiseach, ach fhreagair am fear eòlach ud Rippon le dà thadhal eile is Lochside a' buannachadh 5-4 air a' cheann thall.
Prìomh Lìog
Tha cùisean mar a bha iad aig mullach na Prìomh Lìge is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air buannachadh air an deireadh-sheachdain.
'S e 4-1 a bh' ann dhan Bhaile Ùr an aghaidh a' Ghearasdain agus 3-1 do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain, na tadhail aig Kings a' tighinn san dàrna leth às dèidh dhan Òban a bhith air thoiseach 1-0.
Rinn Cabar Fèidh a' chùis 5-1 air Caol Bhòid is bha briseadh-dùil ann dha Caol-Gleann is na Sgitheanaich is an geama mòr eatorra air a chur dheth.
Bidh aire a-nise a' tionndadh air Cupa na Camanachd is a' chuairt dheireannach eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich san Òban Disathairne seo tighinn.
Tiotalan dhan Rubha agus do Bharraighair fhoillseachadh aig 09:19 TSB 14 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio, An tadhal a bhuannaich an lìog dhan Rubha
Tha gàirdeachas ga dhèanamh san Rubha agus ann am Barraigh is na sgiobaidhean sin air na lìogaichean ionadail aca a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha na Rubhaich feumach air puing aig an taigh an aghaidh An Taobh Siar a bhith cinnteach air Lìog Leòdhais is na Hearadh.
Bha dùil ri geama faisg agus 's e sin a bh' ann - an aon tadhal a' tighinn tràth san dàra leth bho Aonghas Dòmhnallach.
Bha cothrom aig na Rubhaich goirid às dèidh sin cùisean a dhèanamh beagan na bu chofhurtail dhaibh fhèin, ach shàbhail Reece Montgomery aig na Siaraich breab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn.
Chrìochnaich e 1-0 ge-tà, is na Rubhaich a' crìochnachadh aig bàrr na lìge, trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh.
Chuir Aths crìoch air an t-seusan acasan le buaidh 6-1 an aghaidh nan Loch.
San dà gheama eile bha na Hearaich is Càrlabhagh co-ionnan 1-1 - na Hearaich a' crìochnachadh san treas àite - agus rinn Am Bac a' chùis 4-2 air Nis.
Chaidh duaisean na lìge a thoirt seachad oidhche Shathairne is Aonghas Dòmhnallach aig An Rubha air ainmeachadh mar Chluicheadair na Bliadhna.
'S e cuideachd a chuir barrachd thadhal na duine eile.
'S e Ross Dòmhnallach aig An Taobh Siar a fhuair duais Chluicheadair Òg na Bliadhna, agus Eòghann Dòmhnallach aig Aths air ainmeachadh mar Fhear-glèidhidh na Bliadhna.
Sia ann an sreath do Bharraigh
Bha Barraigh cuideachd feumach air puing an aghaidh Èirisgeigh gus Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh - sin às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Uibhist a Tuath 2-1 sa gheama mhòr an t-seachdain seo chaidh.
Bha fios aig na Barraich gum biodh aca ri play-off a chluich an aghaidh Uibhist a Tuath nan cailleadh iad an aghaidh Èirisgeigh, ach air a' cheann thall bha cùisean an ìre mhath cofhurtail dhaibh ann am Bàgh a' Chaisteil is iad a' buannachadh 3-0.
Thàinig tadhail Bharraigh bho Mhata Davidson (2) is Kipps MacNèill.
Tùs an deilbh, Cluba Ball-coise BharraighTha Barraigh a-nise air Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh sia bliadhna ann an sreath is iad fhathast ceum air thoiseach air a' chòrr san lìog.
Tha cothrom aca fhathast air duais eile cuideachd is iad gu bhith an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Chupa MalCivils.
Bidh an geama sin ann an Lìonacleit Disathairne seo tighinn.
Adhartas dha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich
Bha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich ann an Obar Dheathain air an deireadh-sheachdain 'son cluich an aghaidh Bon Accord City ann an Cupa na h-Alba.
Bha na sgiobaidhean air crìochnachadh 2-2 san Eilean bho chionn seachdain agus bha geama teann eile ann an Obar Dheathain.
Chuir Ailig Dòmhnallach agus Pòl MacFhionghain an Iar-Thuath 2-0 air thoiseach ach thàinig sgioba Obar Dheathain air ais gu làidir.
Bha iad 3-2 air thoiseach is coltas ann gun robh iad a' dol troimhe, mus do chuir Ryan Dunkel tadhal dhan Iar-Thuath gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan.
Bha feum air breaban-peanais gus na sgiobaidhean a sgaradh agus 's iad na Sgitheanaich a rinn a' chùis.
Bidh an ath gheama aca san fharpais air an 3mh den Dàmhair.




