Cabhag son Ceann-sgoile le Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha gu deireadh na seachdain aig daoine gus cur a-steach airson na dreuchd.
Tha gu deireadh na seachdain aig daoine cuir a-steach airson dreuchd ceannard Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - agus chan fheum a' Ghàidhlig a bhith aca.
Dh'aithris Radio nan Gàidheal bho chionn dà mhìos gun robh oifigearan foghlaim deònach gabhail ri ceannard dhan sgoil aig nach biodh Gàidhlig.
Bha e air faileachadh orra duine a bhruidhneadh an cànan fhaighinn.
Mur a cluinn iad bho dhuine freagarrach aig a bheil an cànan ro dheireadh na seachdain seo, thèid cuideigin a bhios deònach a h-ionnsachadh gu ìre air choireigin a chur dhan dreuchd làn-ùine.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air sia sanasan fhoillseachdadh san trì bliadhna mu dheireadh.
Chan eil ceannard le Gàidhlig air a bhith aig an sgoil bho 2009.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun toir iad taic do thagraiche soirbheachail sgillean cànain a leasachadh neo ùrachadh.