Bann-leathann ga leasachadh le £120m
- Air fhoillseachadh

'S ann tro chàbalan mara is càbalan fo-thalamh a thèid an leasachadh a dhèanamh.
Thèid £120m a chosg air a bhith a' leasachadh a' bhann-leathann air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.
Thèid an taic-airgid fhoillseachadh Diluain le Rùnaire a' Bhun-Structair, Ailig Neill.
Tha esan ag ràdh gum faigh gnìomhachasan agus dachannan ann a sgìrean dùthchail buannachd bho bhann-leathann luath.
Bidh seo air a dhèanamh comasach tro chàbalan mara is càbalan fo-thalamh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh