Stòras Fearainn ga stèidheachadh as ùr.
- Air fhoillseachadh

Tha sgìrean ann an Leòdhas fo smachd choimhearsneachd
Thèid Stòras Fearainn na h-Alba, a chuidich mòran choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air an talamh aca fhèin, a stèidheachadh as ùr.
Bidh £6 millean anns an stòras thairis air 5 bliadhna agus Riaghaltas na h-Alba dha stèidheachadh as ùr.
Thàinig an stòras mu dheireadh gu crìch 6 bliadhna air ais.
Chuidich e coimhearsneachdan anns na Hearadh, Leòdhas agus Uibhist smachd fhaighinn air an fhearann aca fhèin.
Coltach ris an t-seann stòras bi e air a mhaoineachadh le taic bhon Chrannchar Nàiseanta agus air a stiùireadh le Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean.
Tha cuid dhen bharail gun do chuir cion-taic san eadar-ama maill air ath-leasachadh an fhearainn.
Naidheachd mhòr
Am measg na daoine a chuir fàilte air an naidheachd seo tha Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacIomhair.
Tha esan an dùil gu lean obair ath-leasaichaidh an fhearainn.
''Cha robh daoine a' faicinnn càite am faigheadh iad taic-airgid.''
''Bha fios againn gu robh ùidh ann an cuid a' choimhearsneachdan smachd a ghabhail air an fhearann.''
''Bha sinn mothachail gu robh feadhainn a bha air a' chothrom a ghabhail agus air soirbheachadh ag iarraidh cuideachadh airson leasachadh a dhèanamh air na h-oighreachdan sin.''
'' Se naidheachd mhòr a th'ann gu bheil an riaghaltas a' cur seo romhainn airson na h-ath 3 bliadhna'', thuirt e.