Adhbhar tubaiste nan Tornadothan fhathast gun dearbhadh
- Air fhoillseachadh

Bha an dà itealan air eacarsaich trèanaidh nuair a bhuail iad na chèile.
Thuirt Ministear nam Feachdan Armaichte gu bheil e ro thràth airson dearbhadh fhaighinn, dè bu choireach gun deach dà itealan cogaidh Tornado a chall ann an Linne Mhoireibh aig toiseach na mìos.
Chaochail triùir chriutha a bh' air bòrd nan itealan, a thàinig a-nuas dhan fhairge a-mach bho chladach Ghallaibh.
Tha aon fhear fhathast anns an ospadal ann am Birmingham, far am bi buill nam feachdan armaichte a' faighinn leigheis nuair a tha iad air an droch ghoirteachadh.
Bha an dà itealan agus an criutha stèidhichte aig RAF Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.