Corp ga lorg far an Lios Mhòir
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh.
Thuirt poilis anns an Òban gur dòcha gur e fear-turais a bh' anns an duine a chaidh a lorg marbh anns an uisge far Eilein Lios Mòr.
Tha iad fhathast gus dearbhadh cò e agus tha iad ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh.
Chaidh corp an duine a lorg ann am Bàgh Bhearnaraigh oidhche Haoine agus a thoirt a-mach às an uisge Disathairne.
B' e fear le craiceann geal a bh' ann, briogais ghorm le crios leathar air agus leine-t dhorcha le srianagan tana.
Bha sporran aige le suaicheantas frainneach Seallainn Nuaidh agus tiocaid airson trèana à Mòrar chun a' Ghearasdain.
Chan eil fhios fhathast dè dh'adhbhraich a bhàs ach thèid sgrùdadh a dhèanamh air a chorp gus dearbhadh fhaighinn air na thug bàs dha.
Tha na Poilis ag ràdh gur dòcha gur e fear-turais a bh' ann agus tha iad a' sireadh cuideachaidh bho thaighean leabaidh is bracaist, osdalan agus taighean-òsta.
Tha iad ag iarraidh orra smaoineachadh am faca iad a leithid de dhuine a bha a' siubhail eadar Mòrar agus An Gearrasdan.