Ath-chuinge mu Rathad an t-Sròim
- Air fhoillseachadh

Chuireadh bratan rubair air an rèile gus càraichean a leigeal seachad fhad 's a bha an rathad dùinte.
Tha am Ball-Pàrlamaid Teàrlach Ceannadach air ath-chuinge a chur air dòigh 's e ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba airgead a lorg airson piseach a thoirt air seach-rathad an t-Stròim.
Chaidh an rathad a dhùnadh fad ceithir mìosan ri linn maoim-slèibhe, 's bha seo a' ciallachadh gun robh aig cuid de dhaoine ri 100 mìle a bharrachd a shiubhail na b'àbhaist.
Cosgaidh e milleanan rathad ùr a thogail.
Tha Mgr Ceannadach ag ràdh gum feumar cuideam a chur air Riaghaltas Holyrood an taic-airgid a lorg.
Chaidh seach-rathad an t-Stròim a dhùnadh aig Àm na Nollaige an-uiridh air sgàth maoim-slèibhe 's bha an rathad dùinte fad ceithir mìosan.
On uair sin, thathas air a bhith a' coimhead air na dòighean a d'fhaodar piseach a thoirt air an rathad neo fiù 's rathad ùr a thogail.
Dh'fhaodadh gun cosgadh a leithid suas ri £116m, 's tha am Ball-Pàrlamaid Teàrlach Ceannadach den bheachd nach biodh e comasach do Chomhairle na Gàidhealtachd leithid a chosg air, 's gu bheil feum air taic bho Riaghaltas na h-Alba.
Na bheachd-san, tha seach-rathad an t-Stròim cudromach dha-rìribh do dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìre Loch Carrainn, agus tha e ag ràdh gu bheil iad airidh air rathad a bhios fosgailte fad na h-ùine, an àite rathaid a dh'fhaodadh dùnadh aig àm sam bith, a' toirt droch bhuaidh air coimhearsnachdan agus air gnìomhachasan.