Taighean-soluis gan reic
- Air fhoillseachadh

Chaidh an taigh-solas seo a thogail leis an teaghlach Stevenson
Chaidh trì seann thaighean-solais air a' mhargaidh mu chladaichean na h-Alba.
Tha dhà dhiubh anns an fhior cheann a' tuath agus am fear eile air a' chost an Ear.
Rinn Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a' Tuath sgrùdadh air na toglaichean aca agus rinn iad co-dhùnadh trì dhiubh a reic.
Chan eil ach leth-cheud 's a ceithir bliadhna bho thogadh an taigh-sholais aig Rubha Shrathaidh air cladach a' tuath Chàtaibh.
Na Stevensons
B'e a' chiad fhear ann an Alba a bha uile gu lèir an urra ri cumhachd an dealain 's bha solas mòr agus conachag na chois airson rabhadh a thoirt seachad do sheòlaidearan ma bha ceò ann.
'S e an solas aig Sgeirean Chowsea faisg air Inbhir Lòsaidh an dàrna tè a thathas a-reic.
Chaidh seo a thogail leis an teaghlach ainmeil Stevenson o chionn corr 's ochd-fichead bliadhna.
Tha togalach eile aig ceann Thodd faisg air Sròin na h-Aibhne - agus seann chonachag an "Torry Coo" deas air Obar Dheathain cuideachd ga reic.
Thuirt am bòrd nach eil feum air gin dhiubh tuilleadh leis mar a thàinig piseach air uidheamachd nam maraichean.