Co-dhùnadh air fàire mu sgeama RET
- Air fhoillseachadh

Chaill companaidhean bathair cothrom air faraidhean RET às dèidh ath-sgrùdaidh an Riaghaltais.
Thèid crìoch a chur air aithisg chudthromach air na tha an dàn dha faraidhean RET air an ath-mhìos.
Dh'fhaodadh gun toir e treis fhathast ge-tà, mus tèid fhoillseachadh gu h-oifigeil.
Tha eòlaichean air mìosan a chur seachad a' sgrùdadh RET agus iad a' coimhead air buaidh an sgeama.
Bhathas a' coimhead gu h-àraidh air na thachair às dèidh dha na faraidhean saora a bhith air an toirt air falbh bho charbadan coimearsalta.
Àrdachadh a bharrachd
Am bliadhna chaill companaidhean bathair cothrom air faraidhean RET às dèidh ath-sgrùdaidh an Riaghaltais.
Tha dùil gun tig àrdachadh a bharrachd air faraidhean airson charbadan coimearsalta an ath-bhliadhna
Tha an comhairliche SNP air Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, an dòchas gun gabh seo a sheachnadh.
''Bha comhairlichean SNP bho CNES air coinneachadh ri Rùnaire na Còmhdail, Keith Brown, bho chionn trì mìosan air ais," thuirt e.
'''S e aon de na prìomh nithean a thog sinn nach bu chòir àrdachadh tighinn an ath-bhliadhna.
''Bheireadh e fìor dhroch bhuaidh air eaconamaidh nan Eilean Siar.
''Tha mi den làn-bheachd gun tug am ministear èisteachd dhuinn agus chì sinn de thachras,'' thuirt e.
Tha sgeama RET air a bhith a' ruith airson ceithir bliadhna a-nis.