Aithisg ath-leasachaidh an fhearainn "na briseadh dùil"
- Air fhoillseachadh

Chaidh a' bhuidheann a chur air chois an-uiridh.
Tha a' bhuidheann a tha a' sgrùdadh ath-leasachaidh an fhearainn do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bu chòir Buidheann Fearainn a stèidheachadh airson coimhearsnachdan - dùthchail agus bailteil - a bhrosnachadh gus sealbh fhaighinn air fearann 's goireasan coimhearsnachd eile.
Tha a' bhuidheann, a dh'fhoillsich aithisg eadar-amail Diluain, ag ràdh nach eil coimhearsnachdan san fharsainneachd a' gabhail cothrom air an fhearann aca fhèin a cheannach.
Tha iad cuideachd a' beachdachadh air sgrùdadh air àite Oighreachd a' Chrùin sa chùis.
Tha feadhainn a tha ag iomairt airson tuilleadh ath-leasachaidh fearainn ann an Alba ag ràdh nach eil iad air am misneachadh leis an aithisg.
"'S e briseadh dùil mòr a th' ann saoilidh mi," thuirt am fear-iomairt Andy Wightman.
"Tha dleastanas gu math farsainn aig a' bhuidhinn seo, 's tha ùine mhòr air a toirt dhaibh, agus buidseat, agus chaidh iarraidh orra beachdan radaigeach a chur air adhart airson ath-leasachadh fearainn.
"Is coltach ge-tà, gu bheil iad a' seachnadh cuid de na ceistean cruaidhe mu leithid tuathanaich mhàil, cìsean 's mar sin air adhart, 's gun cum e aire cha-mhòr dìreach air sealbh coimhearsnachd.
"Tha sin gu math gu math cudromach, ach chan eil ann ach pàirt glè bheag de dh'ath-leasachadh fearainn," thuirt e.