Iarrtas cìsean adhair a ghluasad gu Holyrood
- Air fhoillseachadh

Tha Flybe an-dràsta a' sgèith trì tursan san là eadar Inbhir Nis agus Gatwick.
Tha Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown, air fiosrachadh iarraidh bho Roinn an Ionmhais air a bhith a' gluasad cumhachd air cìsean adhair gu Pàrlamaid na h-Alba.
Chaidh sin a mholadh le Coimisean Chalman ann an 2009.
Tha dragh mòr ann gum faodadh seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Gatwick a bhith ann an cunnart agus Flybe air leigeil fhaicinn gun do reic iad na cothroman cleachdaidh aca aig Gatwick ri Easyjet.
Bha Flybe ag amas air cosgaisean a ghearradh, agus fhuair iad £20m airson nan cothrom èirigh is laighe aig Gatwick, air seirbheisean gu ruige phort-adhair air feadh Bhreatainn.
Thuirt a' chompanaidh gun robh gnothach aig cosgaisean Cìse Adhair (APD) agus cosgaisean laighe air a' cho-dhùnadh aca.
Bidh Easyjet a' gabhail thairis sa Mhàirt an ath-bhliadhna.
An-dràsta, bidh Flybe a' sgèith trì tursan san là eadar Inbhir Nis gus Gatwick - seirbheis a thathas a' faicinn deatamach do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd.
Tha Easyjet cuideachd a' sgèith air an t-slighe, aon turas san là.
Tha dragh ann gun caillear cuid de na seirbheisean a tha an-dràsta eadar an dà chompanaidh, ri linn an aonta.
Tha Cathraiche na buidhne turasachd, VisitScotland, Mike Cantley, cuideachd ag ràdh gum feum Riaghaltas Bhreatainn rudeigin a dhèanamh mu na cosgaisean, 's e ag ràdh gu bheil iad nas àirde na àite sam bith eile san Roinn Eòrpa.
Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a tha na Bhall Pàrlamaid airson Inbhir Nis, ag ràdh gu bheil ceanglaichean seasmhach eadar a' Ghàidhealtachd 's Lunnainn, deatamach, agus gum feumar cuideam a chur air Gatwick a thaobh nan cosgaisean laighe, ri linn cron air an eaconamaidh.
Ach, tha Dàibhidh Stiubhart BPA ag ràdh nach e a' Chìs Adhair an rud as cudromaiche anns an deasbad seo.
Tha esan ag iarraidh gun tèid òrdugh seirbheis phoblaich a bhuilleachadh air an t-slighe le Pàrlamaid Westminster gus am biodh comas aca air prìsean nas saoire 'son a bhith a' laighe aig puirt-adhair Lunnainn.
Togaidh e a' chùis aig Holyrood Dimàirt.