Ceannard do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis?
- Air fhoillseachadh

Tha e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd thuige seo ceannard maireannach fhastadh airson na sgoile
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse do phàrantan aig a bheil clann ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis gun cum iad agallamhan deireannach airson dreuchd a' cheannard aig toiseach na h-ath-mhìos.
Tha an sgoil air a bhith às aonais cheannard maireannach bho 2009, le triùir neach a' dèanamh na h-obrach anns an eadar-ama.
A dh'aindeoin grunn oidhirpean tha e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd dreuchd a' cheannard a lìonadh.
'S e fileantas anns a' Ghàidhlig an cnap-stara mòr agus chaidh an obair a dhiùltadh an uiridh do thè a bha na ceannard eadar-amail air an sgoil seach nach i i fileanta anns a' chànan.
Sgaradh bheachd
Tha cuid de phàrantan ga mheas cudromach gum bi Gàidhlig fhileanta aig a' cheannard, gus am bi e comasach an sgoil a dhèanamh na h-àrainneachd far am bi Gàidhlig ga bruidhinn anns a h-uile suidheachadh.
Dha feadhainn eile ge-tà, 's e sgilean ceannais as cudromaiche.
'S e Jim Lyon, aig nach eil Gàidhlig fhileanta, a th' air a bhith na cheannard eadar-amail air an sgoil mu dheireadh - agus tha dùil gu bheil e a-measg nan tagraichean airson na dreuchd maireannaich.
Thèid na h-agallamhan deireannach a chumail air a' chiad là dhen t-Samhainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach 2013

- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2012

- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain 2012
