Inbhir Nis air fàs 18% thar deich bliadhna
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' Chomhairle gun do thàl taighean ùra teaghlaichean òga chun a' bhaile.
Dh'fhàs Inbhir Nis faisg air a' chòigeamh cuid thairis air deich bliadhna, a rèir aithisg a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Màirt.
A rèir àireamhan a' Chunntais-Shluaigh dh'fhàs baile Inbhir Nis cha-mhòr 18% thairis air deich bliadhna, àrdachadh na bu mhotha na an 11% air a' Ghàidhealtachd air fad.
Tha an aithisg a' ceangail sin ri fàs ann an eaconamaidh na sgìre.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil ceangal a th' ann eadar far an deach taighean a thogail sa bhaile agus fàs san eaconamaidh, le sgeamaichean de thaighean a thàl teaghlaichean òga cuideachd a' ciallachadh nach eil an sluagh ann an Inbhir Nis cho aosta ri àitichean eile.
Ged a tha an sluagh fhathast a' fàs nas sine, tha an àireamh mhòr de dhaoine eadar 18 agus 47 air fàgail gu bheileas dòchasach gun toir e air barrachd chompanaidhean smaoineachadh air a bhith stèidhichte ann an Inbhir Nis.