Triùir gan taghadh airson Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh

Se a bhith a' leasachadh caladh Loch Bhaghasdail tè de phròiseictean Stòras Uibhist.
Chaidh triùir stiùirichean a thaghadh gu Sealladh na Beinne Mòire, a' bhuidheann a tha a' ruith Stòras Uibhist.
Chaidh Sarah NicEachann agus Màiri Schmoller a thaghadh a-rithist le 281 agus 247 bhòtaichean.
Shoirbhich le Eachann MacLeòid cuideachd, agus esan a' faighinn 227 bhòtaichean.
Leis nach robh ach triùir stiùirichean a dhìth cha d' fhuair an dithis eile a chuir an ainmean air air adhart air a' bhòrd.
'S iad sin Màrtainn MacMhathain, a fhuair 217 bhòtaichean, agus Donnchadh Aitkin a ghlèidh 179 bhòtaichean.
Bhòt 58.1% dhan t-sluagh aig an robh cead bhòtaidh.
Tòisichidh teirm an triùir a shoirbhich air an 19mh den Ògmhios às dèidh na coinneimh bliadhnail.
Bidh aca ris an dreuchd a leigeil bhuapa an ceann trì bliadhna, ach bi cothrom aca an uair sin iad fhèin a chur air adhart a-rithist airson na h-obrach.