Bàta rèidio-beò na dhragh do ChnES
- Air fhoillseachadh

Chaill an MV Parida cumhachd agus droch ghèile a' bualadh air a' chosta an ear.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air draghan às ùr a thogail mu shàbhailteachd timcheall air costaichean na h-Alba às dèidh do shoitheach a bha a' giùlain sgudail rèidio-beò a bhith gun stiùir ann an Linne Mhoireibh.
Bha an MV Parida a' toirt cargu de sgudail choncrait rèidio-beò bho Scrabasdail ann an Gallaibh gu ruige Antwerpen sa Bheilg, nuair a thòisich teine ann am fear den dà fhuineall aice.
Chaill am bàta cumhachd agus air a' cheann thall, chaidh a shlaodadh gu acair ann an Linne Chrombaigh.
"Ged nach do thachair seo far chosta nan Eilean Siar, tha e a' sealltainn an seòrsa rud a dh'fhaodadh tachairt," thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul.
Sgiobalta
"Gu fortanach, tha coltas ann gun deach smachd a chur air an t-suidheachadh an ìre mhath sgiobalta, ach tha e coltach gur e mar a bha bàta-slaodaidh coimearsalta ri fhaighinn faisg air làimh gus cobhair a dhèanamh air a' bhàta a bu choireach.
"Cha bhiodh roghainn mar sin ann air a' chosta an iar agus nan tachradh an leithid an seo, bhiodh sinn an eisimeil bàta-slaodaidh tighinn às na h-Eileanan mu Thuath, a bheireadh ùine na h-uisgeachan againn a ruighinn.
"Ged a bha an cargu an seo aig ìre ìosal, bhiodh sgudal niuclasach sam bith san uisge timcheall air na h-Eileanan an Iar na chùis èiginn dhuinn a thaobh na tha a' dol aig muir gu coimearsalta, agus dhan àrainneachd shònraichte a th' againn.
"Tha mi a' cur fàilte air an rannsachadh a bhios ann agus dh'iarrainn air Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich agus Riaghaltas Bhreatainn gus tighinn air adhart le plana gus an cunnart a th' ann do chostaichean na h-Alba - agus uisgeachan a' chosta an iar gu sònraichte - a lùghdachadh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2014
