Cathraiche air a dhreuchd fhàgail
- Air fhoillseachadh

Aig coinneamh oidhche Mhàirt, leig Aonghas Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd airson maith an Ùghdarrais.
Tha Cathraiche Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air a dhreuchd fhàgail agus coltas ann nach robh e air a bhith a' cumail ri riaghailtean na buidhne.
Aig coinneamh shònraichte de Bhòrd Ùghdarras Port Steòrnabhaigh Dihaoine seo chaidh, thàinig e am follais gun robh an Caiptean Aonghas Mac a' Ghobhainn - a th' air a bhith na chathraiche aca fad ceithir bliadhna gu leth - air riaghailtean a bhriseadh.
A rèir coltais, chaidh ceistean a thogail bho chionn ghoirid mu chùmhnantan obrach an Ùghdarrais.
Aig coinneamh shònraichte eile, a chaidh a chumail oidhche Mhàirt, thabhann an Caiptean Mac a' Ghobhainn a dhreuchd a leigeil dheth airson maith an Ùghdarrais agus ghabh am Bòrd-stiùiridh ris an seo.
Co-cheangailte ris a' chùis, thuirt an t-Ùghdarras gu bheil iad airson dèanamh soilleir nach d' fhuair iad tairgse sam bith thuca bho einnsinear ionadail, nach deach cùmhnant a thoirt seachad, agus nach tàinig buannachd ionmhasail no eile thuca ri linn an t-suidheachaidh.
Thug am Bòrd taing dha Mgr Mac a' Ghobhainn airson na h-obrach e rinn às leth an Ùghdarrais.