Mì-thoileachas mu chraobhan Shlèite
- Air fhoillseachadh

'S ann timcheall air Armadail is Ostaig a chaidh na craobhan a chur.
Tha Comhairle Coimhearsnachd Shlèite air dragh a thogail às dèidh mar a chaidh craobhan a chur thairis air sgìre mhòir timcheall air Armadail is Ostaig.
Dh'fhàg a' chomhairle choimhearsnachd air Urras Clann Dòmhnaill, leis a bheil am fearann, nach do dh'innis iad idir ro-làimh na bha san amharc aca.
Thuirt iad gu bheil an leasachadh air timcheall air 500 acair de dh'fheararn a thoirt a-mach às àiteachas.
Iomagaineach
Tha a' chomhairle choimhearsnachd cuideachd iomagaineach mu cho faisg 's a tha na craobhan air cuid de thaighean is iad ag ràdh gu bheil dragh air aon duine san àite gum bi buaidh air an uisge san taigh.
"S e dùthaich àlainn dha-rìribh a tha seo is an uair a dh'fhàsas na craobhan sin tha sealladh an àite a' dol a dh'atharrachadh gu tur agus gu brath agus cha bhi e às dèidh sin tuilleadh mar a bha", thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach.
"Tha dragh mòr air iomadach duine san sgìre mu dheidhinn an rud a thachair an seo is thachair e gun fhios, cha robh fios aig duine gun robh seo a' dol a thachairt gus am faca sinn na h-innealan agus na feansaichean a' dol suas", thuirt e.
Riochdairean
Chaidh an obair a dhèanamh ann an co-bhann le Coimisean na Coilltearachd is bha riochdairean bhon choimisean an làthair aig coinneamh den chomhairle choimhearsnachd oidhche Mhàirt.
Ged a tha a' chomhairle choimhearsnachd ag aideachadh nach urrainn dhaibh stad a chur air an leasachadh a-nise, tha dòchas aca gun gabh a lùghdachadh gu ìre.
"Gheall Coimisean na Coilltearachd gun toir iad sùil a-rithist às ùr air a' chùmhnant a th' aca le Urras Clann Dòmhnaill, dè dìreach na cùmhnantan a chaidh a chur orra, agus a bheil iad a' cumail ri sin, agus gun tèid sùil a-rithist gu h-àraid air far a bheil a' choille uabhasach dlùth air na taighean, agus 's mathaid gun gabh i tarraing air ais pìos nach bi uiread de bhuaidh aice air an àite", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2014
