Ceistean ùra mu Aiseag a' Chorrain
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad dòigh fhaighinn gus Aiseag a' Chorrain a ruith gun chall.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd seachad rabhadh gur dòcha gu bheil suidheachadh aiseag a' Chorrain a' fàgail gu bheil iad a' briseadh riaghailtean na h-Eòrpa air subsadaidhean.
Thuirt an t-ùghdarras gur ann a' dèanamh call a tha an t-seirbheis is nach bu chòir dhaibh, fo riaghailtean na h-Eòrpa, a bhith a' cumail subsadaidh rithe.
Ann an aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd, chaidh innse ma 's e is gun lean an call gur dòcha gun tigeadh air a' Chomhairle an t-seirbheis a chur a-mach gu tairgse.
Tha a' Chomhairle cuideachd a' meòrachadh air an gabhadh an t-seirbheis a chur ann an làmhan na buidhne riaghaltais Còmhdhail Alba.
Dearbhadh
A rèir na h-aithisg, tha Còmhdail Alba air leigeil fhaicinn aig an ìre seo gu bheil iad deònach seirbheisean den leithid a ghabhail os làimh ach gum biodh iad a' sùileachadh dearbhadh ro-làimh gun gabhadh a ruith gu coimearsalta.
A bharrachd air sin, tha Comhairle na Gàidhealtachd a' còmhradh ri Cal Mac a thaobh goireasan a roinn gus coisgaisean Aiseig a' Chorrain a lùghdachadh.
Tha a' Chomhairle cuideachd a' beachdachadh às ùr ge-tà air faraidhean a chur suas, ged a tha iomairt a' leantainn gus faraidhean a chumail sìos.
Thuirt fear de comhairlaichean Loch Abar, Anndra Bacastair, gu bheil e den bheachd gun urrainn dhan Chomhairle barrachd a dhèanamh airson cosgaisean a lùghdachadh.
Thuirt e nach deach coimhead ri cosgaisean air fad na seirbheis, is gu sònraichte ri mar a ghabhadh cosgaisean luchd-obrach a ghearradh.
A rèir Mhgr Bhacastair, dh'fhaodadh cuideachd an àireamh de sheòlaidhean sa Gheamhradh a bhith air a gearradh.
Riatanach
Thuirt e gum feum a' Chomhairle cuimhneachadh gur e seirbheis riatanach a tha san aiseag do mhuinntir an àite.
"Smaoinich nan cuireadh sinn cosgais mar seo air daoine gus Drochaid Cheasaig a chleachdadh, chosgadh e £4.08 dhaibh gach turas a bhiodh iad air an drochaid", thuirt Mgr Bacastair.
"Smaoinich mar a rachadh an cèol air feadh na fidhle ann an Inbhir Nis agus san sgìre mun cuairt nan cuireadh sinn am plana sin air adhart - 's e sin cho cudromach 's a tha e do dhaoine anns a' Mhorbhairne agus ann an Àird nam Murchan", thuirt e.
Thèid aithisg ùr air beulaibh Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd an 2015.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2013
