Seann Àrd Eaglais Inbhir Nis
Tha tè de na h-eaglaisean as eachdraidheil air a' Ghàidhealtachd a' sireadh taic.
Tha Seann Àrd Eaglais Inbhir Nis air seasamh air Cnoc Naomh Mhìcheil anns a' bhaile airson faisg air mìle gu leth bliadhna.
An-diugh, ge-tà, tha cion airgid na dhragh mar a tha aig iomadh coitheanal eile ann an Eaglais na h-Alba.