Tuathanasan bainne Ghiogha ann an staing
- Air fhoillseachadh

Chaidh innse do thuathanaich Ghiogha gum feum iad feitheamh air am pàigheadh, agus faraidhean làraidhean a' bhainne thar an aiseig a phàigheadh.
Tha na tuathanasan bainne ann an Eilean Ghiogha ann am fìor chunnart a dhol à bith uile gu lèir leis an staing sa bheil an gnìomhachas.
Tha trioblaidean mòra aig a' ghnìomhachas air feadh na h-Alba leis mar a tha prìs a' bhainne air tuiteam gu mòr.
Tha tuathanaich a' faighinn nas lugha gach liotair na tha e a' cosg dhaibh na beathaichean a chumail.
Ach tha a' chùis gu h-àraid dona ann an àiteachan iomallach mar Giogha.
Tha ceithir tuathanasan bainne san eilean.
Thuirt a' bhuidheann First Milk bho chionn cola-deug, gum feumadh tuathanaich fuireach air am pàigheadh ri linn an staing sa bheil an gnìomhachas an-dràsta.
Tha prìs a' bhainne air tuiteam gu mòr ri linn 's gu bheil tuilleadh 's an còrr bainne air na margaidhean eadar-nàiseanta.
Tha a' chùis cho duilich 's gu bheil Pàrlamaid na h-Alba air rannsachadh a chur air dòigh.
Tha tuathanaich Ghiogha an urra ri aiseagan airson am bainne, a chur gu Tìr Mòr.
Cha bhithear a' togail a' bhainne ann an Giogha ach a h-uile dàrnacha là.
Dh'innis First Milk dhaibh, a thuilleadh air a bhith a' stòradh a' bhainne eadar na làithean sin, gum feum iad tòiseachadh air faraidhean nan làraidhean thar an aiseig a phàigheadh.
Mar sin, tha prìs ìseal a' bhainne a' cur ri duilgheadasan do na tuathanaich, agus tha cuid aca ag ràdh, mura tig piseach gu math luath air an t-suidheachadh, nach bi roghainn aca ach an cùl a chur ri crodh bainne.