Beachdan mu bhuaidh nan aiseagan
Dh'iarr buidheann choiteachaidh thurasachd beachdan mun bhuaidh a tha seirbheisean aiseig Uibhist a' toirt air gnìomhachasan na sgìre.
Tha gearainnean ann gu bheileas a' fulang le mar a tha cùisean a thaobh nan aiseagan an-dràsta.
Ach, tha Buidheann Turasachd Innse Gall ag ràdh gum bu chòir fiosrachadh dearbhte mun chùis a thionnal 's a chur chun an Riaghaltais.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.