NHS na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh meallaidh
Tha ceannardan NHS na Gàidhealtachd a' dol as àicheadh gun tug iad fiosrachadh ceàrr dha Rùnaire na Slàinte mus do chuir i taic ri plana a bheir atharrachadh air cùram slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois.
Thàinig na gearainean bho luchd-strì a tha ag iomairt airson seirbheisean a dhìon ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.