Cuimhneachan a' Ghlinne Chaoil
'S iomadh cuimhneachan cogaidh a chaidh a thogail 'son comharrachadh a dhèanamh air na Gàidheil a chaidh dhan Chogadh Mhòr.
Ach chan eil mòran a tha cho iomallach ris an fhear anns A' Ghleann Chaol ann an Dùthaich MhicAoidh.
Chan fhaighear chun a' chuimhneachain ach air bàta no le a bhith a' coiseachd uairean mòra thar a' mhonaidh.
Chaidh a thogail do dhithis bhràthairean às an sgìre a chaill am beatha.
Chaidh ùrachadh a dhèanamh air bho chionn ghoirid, agus thadhail teaghlach nam bràthairean, agus am fear-naidheachd Calum MacIlleathain, air.