Rabhadh mu anthrax
- Air fhoillseachadh
Thug ceannardan aonaidh rabhadh seachad gum faodadh galaran mar anthrax sgapadh ma dhùineas ionad lìghichean sprèidh sònraichte an Inbhir Nis.
Tha Colaiste Àiteachais na h-Alba a' dèanamh co-chomhairleachaidh mu Ionad-Faire Ghalaran nam Beathaichean an Inbhir Nis, far a bheil 15 duine ag obair, mar phàirt de phlanaichean airson an cuid sheirbheisean a dhèanamh "nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche".
Thuirt neach-labhairt an aonaidh Prospect, Clive Davey, gur e mearachd mhòr a bhiodh ann an t-àite a dhùnadh agus gum faodadh slàinte bheathaichean agus dhaoine a bhith ann an cunnart.
Bha e ag ràdh gum feumadh closaichean a dhol nas fhaide airson deuchainnean, agus nam biodh beathach air bàsachadh le anthrax, gum biodh cunnart nas motha ann gun tigeadh e air daoine.