Neo-eisimeilich air gabhail thairis
- Air fhoillseachadh

Tha strì air a bhith dol aig a' Chomhairle bhon a dh'fhàg an seann cheannard, Drew Hendry, 's e a nise na bhall parlamaid Nàiseantach ann a Westminster.
Tha comhairlichean neo-eisimeileach air buidheann riaghlaidh ùr a stèidheachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Air a' mhìos a dh'fhalbh, dh'fhàg na Lib Deamaich a' cho-bhanntachd a bha an SNP a' stiùireadh agus a bha riaghladh na comhairle bho 2012.
Às dèidh lathaichean de chòmhraidhean, ghabh na Neo-eisimeilich ceumannan gus buidheann riaghlaidh ùr a stèidheachadh.
'S e Màiread Davidson ceannard ùr na comhairle agus 's e Iseabail NicCaluim an neach-gairm ùr.
Prìomhachas
Thuirt a' bhuidheann riaghlaidh ùr gum bi staid nan ròidean agus deamocrasaidh ionadail am measg na rudan a gheibh prìomhachas.
Thuirt Màiread Davidson: "Tha sinn airson coimhead às ùr ri planadh coimhearsnachd agus tha sinn airson cumhachd a thoirt do dhaoine.
"Tha sinn airson obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan agus tha sinn airson cumhachdan a thoirt dhaibh airson a thighinn gu co-dhùnaidhean aig ìre ionadail.