Na ceudan a' togail fianais am Port Rìgh
- Air fhoillseachadh

Thog luchd-iomairt am Port Rìgh dragh mu na tha an dàn do sheirbheis na slàinte san sgìre.
Chruinnich na ceudan ann am meadhan Phort Rìgh Disathairne gus fianais a thogail an aghaidh atharrachaidhean ann an seirbheisean slàinte na sgìre.
Tha iad fìor mhì-thoilichte le co-dhùnadh Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd gus ospadal mòr ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar Dheas Rois a thogail san Àth Leathann.
Chaidh iomairt a stèidheachadh, SOS NHS Skye, gus strì an aghaidh phlanaichean a' Bhùird-Slàinte is an fheadhainn a tha air a cùlaibh den beachd gun tig lùghdachadh air an t-seirbheis ann an ceann a tuath an eilein rin linn.
Dragh
Tha dragh ann gu sònraichte nach eil leigheas èiginneach 24 uairean ri fhaighinn ann am Port Rìgh an-dràsta agus cuid ag ràdh gu bheil sin a' cur beatha dhaoine an cunnart.
Aithris Chaluim MhicIlleathain air caismeachd Phort Rìgh.
Tha iad ag ràdh gu bheil An t-Àth Leathann ro fhada air falbh do dhaoine a tha ann an èiginn sa cheann a tuath, an dà chuid muinntir an àite agus an àireamh mhòr de luchd-turais a bhios a' tadhal air an sgìre.
Chuala an cruinneachadh ann am Port Rìgh Disathairne beachd gu bheil an sluagh air earbsa a chall ann an NHS na Gàidhealtachd.
Thuirt an luchd-iomairt gu bheil iad a-nise airson coinneachadh ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robasdan, gus an cuid draghan a thogail leatha.
"Chan eil sinn a' smaoineachadh gu bheil i a' tuigsinn dè tha a' tachairt", thuirt tè den luchd-iomairt, Màiri NicDhòmhnaill.
"Doirbh"
"Tha i a' faighinn fiosrachadh bho Bhòrd NHS na Gàidhealtachd agus tha e doirbh dhi tuigsinn dè tha a' tachairt. Chan eil i a' fuireach an seo is chan eil i a' faicinn de tha a' tachairt
"Nam biodh ùine aice èisdeachd rinn, dh'innseadh sinn dhi dè tha a' tachairt", thuirt i.
Tha NHS na Gàidhealtachd air dìon a chur air a' cho-dhùnadh aca is thuirt Comhairle Slàinte na h-Alba gur e pròiseas iomchaidh a bh' aca gus an co-dhùnadh a ruighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios 2015

- Air fhoillseachadh2 An Dùbhlachd 2014

- Air fhoillseachadh29 An Giblean 2015
