Cumhachd nan tonn an Caolas Tharasaigh
Tha dòchas aig Urras Taobh Siar na Hearadh gun tèid aca air cumhachd a chruthachadh bho na tuinn ann an Caolas Tharasaigh.
Thòisich obair rannsachaidh bho chionn ghoirid a dh'fhaicinn dè cho freagarrach 's a tha an sgìre airson sgeama ath-nuadhachail.
Ma shoirbhicheas leotha tha dùil gun tèid an dealan a' chleachdadh an dà chuid airson an ionaid coimhearsneachd ùr agus na taighean saora a thèid an togail.
Tha tuilleach aig Ruaraidh Rothach.