Cead ga dhiùltadh airson tuath-gaoithe Allt Duine
- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba air cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do thuath-ghaoithe mhòr air oir Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Chaidh co-dhùnadh gum biodh buaidh ro mhòr aig pròiseict Allt Duine air an àrainneachd.
Bha 31 chrann gu bhith anns a' phròiseict aig Allt Duine, a th' anns a' Mhonadh Liath, agus iad 410 troighean de dh'àirde aig a' char as motha.
Chuir luchd-iomairt an aghaidh nam planaichean fàilte air an naidheachd.
Thuirt Chris Townsend, neach-labhairt airson Sàbhail Beanntan a' Mhonaidh Lèith, gun robh e follaiseach nach robh an sgeama freagarrach agus gun deach an co-dhùnadh ceart a ruighinn.