Ceist mu shàbhalaidhean air Ghàidhealtachd
Tha ceist ann an tèid aig Comhairle na Gàidhealtachd air na milleanan mòra notaichean a shàbhaladh.
Dh'innis Stiùiriche Ionmhais an ùghdarrais do chomhairlichean gur dòcha nach gabh co-dhiù £6m de ghearraidhean a dhèanamh.
Chuir am beachd sin an fhearg air comhairlichean.
Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.