Caladh Loch Baghasdail fosgailte
Faisg air dà bhliadhna bho thòisich obair, chaidh caladh ùr Loch Baghasdail fhosgladh gu h-oifigeal air an deireadh-sheachdain.
Chosg an leasachadh timcheal air £10m, ach tha Stòras Uibhist ag ràdh nach eil ann ach a' chiad cheum.
'S e an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, a gheàrr an ribean air an leasachadh.