Eathar ùr nodha an Griomasaigh
Tha eathar ùr ag obair air an iasgach a-mach à Griomasaigh.
Chaidh an 'Guiding Star' a thogail dhan teaghlach Stiùibhart, 's chosg i còrr air £1m.
Tha sin mu dheich mìle uiread 's a chosg am bàt'-iasgaich a thog athair Dhòmhnaill agus Eachain Stiùbhairt anns na leth-cheudan.
Ach, tha na tha 's an amharc a thaobh sgìrean glèidhte aig muir na uallach dhaibh.