Ionad fiaclaireachd ùr do Steòrnabhagh?
- Air fhoillseachadh

Chaidh ionad neo-eisimealach ùr a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh aig toiseach na bliadhna ach dhùin e bho chionn mìos.
Tha ionad fiaclaireachd ùr san amharc do Steòrnabhagh far am faodadh suas ri 4,500 euslainteach cùram NHS fhaighinn.
B' fheudar do Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar cuireadh a thoirt do dh'fhiaclairean seirbheis a lìbhrigeadh nuair a dhùin an t-ionad neo-eisimealach san Iuchar.
'S ann an urra ri seirbheisean fiaclaireachd prìobhaideach san sgìre a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar.
Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a' faighinn cùraim bho fhiaclair a bhios am Bòrd a' fastadh, ach tha cuid air an clàradh le fiaclair ag obair air a cheann fhèin.
Chaidh ionad neo-eisimealach ùr a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh aig toiseach na bliadhna ach dhùin e bho chionn mìos.
Gheibh an 800 duine a bha clàraichte leotha cùram bho Ionad Fiaclaireachd nan Eilean Siar gus am bi àite ùr ann dhaibh.
Thuirt am Bòrd Slàinte gu bheil làn-dùil aca gum fosgail an t-ionad neo-eisimileach ùr tràth an ath-bhliadhna.