Sgrùdadh ùr air seirbheis-adhair
Thòisich sgrùdadh eaconamach feuch an fhiach seirbheis-adhair a stèidheachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus meadhan na h-Alba.
Chuir Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean coinneamh air doigh anns an Ath Leathainn Diciadain cuide ri buidhnean poblach agus luchd-gnothachais ionadail.
Tha an oidhirp seirbheis-adhair fhaighinn air a bhith a' dol beagan bhliadhnaichean a-nise.