Sùil às ùr a dhìth air càirdeas a' BhBC ri MG ALBA

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Dh'iarr fear a bha uair na chathraiche air MG ALBA gun tèid coimhead às ùr air a' chàirdeas a tha eadar am BBC agus MG ALBA - a tha a' ruith na seirbheis BBC ALBA còmhla.

Dh'iarr fear a bha uair na chathraiche air MG ALBA gun tèid coimhead às ùr air a' chàirdeas a tha eadar am BBC agus MG ALBA - a tha a' ruith na seirbheis BBC ALBA còmhla.

Thug Alasdair Moireasdain a bheachd dhan fhollais agus dà cho-chomhairleachadh a' dol air na tha an dàn dhan BhBC.

Tha e ag ràdh gu bheil crathadh agus ùrachadh a dhìth.

"Bha e sònraichte cudromach gum faigheadh sinn cairteal mhillean de luchd-amhairc" thuirt Mgr Moireasdan.

"Tha e sònraichte cudromach gu bheil an sianal air a bhith a' dèanamh tòrr a thaobh leasachaidh chànain agus a leithid.

"Ach chan urrainn dhut an uair sin a bhith a' slaodadh air falbh mean air mhean bho bhun-stèidh an t-sianail.

"Sin agad BBC ALBA - co-bhanntachd a chaidh a chur air dòigh airson seirbheis a thoirt do na Gàidheil agus na daoine aig a bheil ùidh anns ar cultar, agus ùidh anns a' chànan ionnsachadh.

"Sin agad an t-adhbhar a dh'fheumas daoine ath-sgrùdadh a thoirt air, agus 's dòcha crathadh a thoirt air na structairean.

"Ach feumaidh sinn a dhèanamh ann an dòigh a tha fosgailte, 's gu bheil cothrom aig gach taobh anns a' cho-bhanntachd - MG ALBA agus am BBC - 's gu bheil daoine cofhurtail le chèile.

"Oir mura bheil cùisean fosgailte is onorach san dòigh sin cha tig maith sam bith a-mach às," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho MG ALBA gun robh Alasdair Moireasdan "mar chathraiche MG ALBA gu mòr mar phàirt den iomairt a tha a' fàgail BBC ALBA cho soirbheachail, agus gu bheil iad ag amas air leantainn orra leis an iomairt sin".

Fo-thiotal,

Màiread Màiri Mhoireach.

A' toirt freagairt air Aithris na Maidne do na bh' aig Mgr Moireasdan ri ràdh, thuirt Ceannard Sheirbheisean BBC ALBA, Màiread Màiri Mhoireach, gu bheil ùrachadh a dhìth fad na h-ùine.

"Anns a' h-uile suidheachadh tha ùrachadh an-còmhnaidh a dhìth, agus mar a thuirt Mgr Moireadan, 's e rud gu math eachdraidheil a th' anns a' chom-pàirteachas, anns nach robh am BBC an sàs riamh roimhe, a bh' ann am BBC ALBA" thuirt i.

"A bhith a' ruith seirbheis thelebhisein cuide ri buidhinn eile. 'S e rud ùr a bh' ann ann na 2008 nuair a thàinig sinn còmhla.

"Leis a h-uile càirdeas, feumar an dà cheann a bhith a' fàs eòlach air a chèile, agus feumar modhan-obrach a lorg a tha cothromach.

"Tha mi a' creidsinn anns a' bhliadhna a tha romhainn, gum bi sinn a' coimhead air a' chom-pàirteachas, agus bidh sinn a' coimhead air a neartachadh agus a dhèanamh cho math agus cho èifeachdach agus is urrainn dhuinn," thuirt i.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh