Matamataigs ann am 'Barradise'
- Air fhoillseachadh

Tha chun an 28mh Sultain aig daoine cur a-steach airson na dreuchd.
Tha Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Choimhearsnachd Bhagh a' Chaisteil air iomairt a chur air bhonn son neach-teagasg matamataigs a thàladh dhan eilean.
Tha trioblaidean air a bhith aig Comhairle nan Eilean Siar cuideigin fhastadh dhan dreuchd mar tha, agus mar sin tha Comhairle nam Pàrant iad fhèin son feuchainn ri daoine a' bhrosnachadh a thaobh na h-obrach.
Le dìreach 1,200 a' fuireach ann, tha na clasaichean anns an sgoil gu math beag, agus a-reir na Comhairle, tha a' chlann modhail agus tuilleadh is deònach ionnsachadh.
Sanasachd
A thuilleadh air a seo, tha iad a' sanasachd an Eilein mar àite snog son fuireach - le tràighean breagha agus seallaidhean àlainn.
Bhiodh e math do chuideigin, tha iad ag ràdh, aig a bheil ùidh anns an àrainneachd, eunlaith neo ann an spòrs mara, leithid surfadh neo iasgachd.
'Se àite sàbhailte a th'ann, tha iad ag innse, son a bhith a' togail teaghlaich, le tòrr rudan ri dhèanamh air a' bhlàr a-muigh son a' chloinn.
Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Manford gu bheil an sgoil na sgoil choimhearsnachd ann an dòigh cho farsaing 's a ghabhas, leis a' chlann, luchd-teagasg agus pàrantan uile an-sàs gu mòr anns a' choimhearsnachd.
'Se 28mh Sultain an ceann latha son luchd-teagaisg cur a-steach airson na dreuchd.