Obair-rannsachaidh tuath-gaoithe
Tha obair-rannsachaidh air tòiseachadh aig làrach tuath-gaoithe aig 2020 Renewables ann an Tolastadh ann an Leòdhas.
Tha dùil gum bi an tuath-gaoithe, anns am bi 14 crainn, deiseil ann an 2020.
Tha obair-rannsachaidh mhionaideach a' coimhead air an t-seòrsa cloiche a tha fon mhòine - fiosrachadh a tha riatanach mus tòisich an obair-togail.
Tha Ruairidh Rothach ag aithris.