Cobhair mheidigeach Ratharsair
Cha bhi cùram meidigeach taobh a-muigh uairean àbhaisteach ri fhaighinn ann an Ratharsair fad mìos an Dàmhair.
Choinnich comhairle choimhearsnachd an eilein ri NHS na Gàidhealtachd Diluain a bhruidhinn mun t-suidheachadh le cobhair mheidigeach an eilein.
Chuala muinntir na sgìre nach atharraicheadh cùisean airson co-dhiù mìos, ach gun deadh coinneamh eile a chumail an uair sin.
Tha tuilleadh aig Doneil MacLeòid.