Ratharsair mìos eile gun nurs
Cha bhi cùram meidigeach taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach aig coimhearsnachd Ratharsair anns an eilean fhèin fad mìos an Dàmhair.
Choinnich comhairle choimhearsnachd an eilein ri NHS na Gàidhealtachd Diluain a bhruidhinn mu shuidheachadh cobhair meidigich an eilein.
Chuala na h-eileanaich nach atharraicheadh cùisean airson co-dhiù mìos, ach gun deadh coinneamh eile a chumail an uair sin.
Tha Doneil MacLeòid ag aithris.