"Fèin-aithne bho fhoghlam Gàidhlig"
Thug fòghlam air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan an cuid fèin-aithne bho ghinealaichean de Ghàidheil, ach tha fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a-nis ga thoirt dhaibh air ais.
Sin an teachdaireachd a chuala co-labhairt luchd-teagaisg an-diugh bho fhear de dh'àrd luchd-lagha na h-Alba.
Thuirt Morair Mhinginis - Cathraiche Cùirt an Fhearainn - gur e droch fhòghlaim a fhuair e fhèin 's a cho-aoisean anns na leth-cheudan. Ach mhol e an t-atharrachadh a th' air tighinn.
Seo Dòmhnall Moireasdan.