Pròiseas aiseig "fosgailte is cothromach"
- Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann am farpais le Serco Caledonian Ferries Ltd airson a' chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna eile.
Thuirt buidheann neo-eisimeileach a tha a' sgrùdadh mar a tha pròiseas tairgse nan seirbheisean aiseag air a' chost an iar ag obair gu bheil i air a bhith fosgailte agus cothromach.
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann am farpais le Serco Caledonian Ferries Earranta airson a' chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna eile.
Chaidh a' bhuidheann-sgrudaidh a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseas cothromach dhan dà bhuidheann a tha a' tagradh son a' chùmhnant.
Riochdairean
Tha riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairlean Coimhearsnachd Thiriodh agus Ìle am measg nam ball.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun robh a' chiad aithisg a thàinig bhon bhuidhinn neo-eisimeilaich na fianais air oidhirpean an Riaghaltais gus pròiseis cothromach a stèidheachadh.
Thuirt e cuideachd gun robh an dà choinneamh a bh' air a bhith ann thuige seo air a bhith feumail dha-rìreabh.
Tha dùil ri coinneamhan eile san àm ri teachd a bhios a' coimhead air pàirtean eile dhan phròiseis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2015

- Air fhoillseachadh3 An Lùnastal 2015
