Dà àrd-sgoil ùr an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air cùmhnantan aontachadh airson dà àrd-sgoil ùr san sgìre.
Thèid na sgoiltean - ann an Ceann Loch Chille Chiarain agus anns an Òban - fhosgladh ann an 2018.
Cosgaidh iad còmhla £56m, le pàirt den airgead sin a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
Thèid na togalaichean ùra a thogail ri taobh na sgoile a th' ann an-dràsta air gach làraich, leis na seann sgoiltean gan leigeal an uair sin airson rùm a dhèanamh airson raointean cluiche agus parcadh do chàraichean.
Chuir a' Chomhairle làmh ri aonta leis a' chompanaidh Hub North a tha gu bhith a' làimhseachadh a' phròiseict.
Tha dùil gum bi an dà sgoil ùr deiseil as t-Earrach 2018.