Cùmhnant mòr do chompanaidhean beaga grùdaidh
- Air fhoillseachadh

Bidh leann le WooHa am measg an fheadhainn a bhios Asda a' reic
Fhuair trì companaidhean beaga grùdaidh air Ghàidhealtachd cùmhnantan leis a' chompanaidh mhòir bhùithtean Asda.
Tha Taigh-grùdaidh an Eilein Sgitheanaich, WooHa a tha stèidhichte ann an Inbhir Narann, agus Taigh-grùdaidh Loch Nis am measg 13 companaidhean a chur an ainmean ri cùmhnant le Asda luach còrr air £850,000.
Tha Asda mothachail gu bheil fèill mhòr air leann bho chompanaidhean neo-eisimeileach an-diugh.
Bidh an t-aonta a' ciallachadh gum bi 25 seòrsaichean leanna ùra aca.
Tha na companaidhean a leanas mar phàirt dhen aonta:
Deeside Brewery (Beannchar)
Eden Mill Brewery (Cille Rìmhinn)
Jaw Brew (Glaschu)
Knops Beer Company (Lodainn an Ear)
Lerwick Brewery
Stewart Brewing (Dùn Èideann)
Loch Lomond Brewing (Am Magh Leamhna)
WooHa Brewing Company (Inbhir Narann)
WEST Brewing (Glaschu)
Isle of Skye Brewing Co. Ltd.
Loch Ness Brewery
The Kelburn Brewing Company (Ceann a' Bharra)