Rabhadh mu cheann-là son pàipearan IACS
- Air fhoillseachadh

Chaidh rabhadh a thoirt do chroitearan agus do thuathanaich gum feum iad cabhag a dhèanamh mura do lìon iad fhathast bileagan IACS na bliadhna seo.
'S ann air siostam IACS a tha an ìre mhath a h-uile sgillinn de thaic-airgid an àiteachais a' crochadh agus ged a 's e Diluain an 16mh den ath-mhìos an ceann-là, tha e coltach gu bheil àireamh mhòr nach do rinn na dh'fheumas iad fhathast.
An-uiridh fhuair daoine ùine a bharrachd airson na foirmichean a lìonadh - ach cha bhi sin ann am-bliadhna.
Thuirt Aonghas MacAnndrais a tha ag obair do Cholaiste an Àiteachais ann am Port Rìgh gu bheil grunn dhaoine nach eil air na bileagan aca a chur a-steach fhathast agus gu bheil grunn mhath nach do chuir uair air dòigh leis a' cholaiste airson na bileagan a chur a-steach.
Beagan ùine
Thuirt Mgr MacAnndrais gur dòcha nach robh cuid de chroitearan neo tuathanaich a' tuigsinn cho gann 's a bha an ùine.
"Chan eil aca ach cola-deug air fhàgail.
"Bhiodh daoine sna bliadhnaichean a chaidh seachad a' faighinn cèis mhòir ghil anns an robh na pàipearan IACS.
"Am-bliadhna chan eil iad a' faighinn ach cèis bhig ghil agus 's dòcha nach do dh'fhosgail iad a' chèis a tha sin agus nach eil iad a' tuigsinn an staid anns a bheil iad - nach eil ach beagan ùine aca air fhàgail," thuirt Mgr MacAnndrais.
Am-bliadhna feumaidh croitearan agus tuathannaich dearbhadh a bharrachd a chur an cois nam bileagan aca.
Ma thathas a' cleachdadh feur nach buin dhaibh fhèin, neo ionaltradh ràitheil, feumaidh bileag bhon phrìomh mhàladair, neo uaireanan, bho chlàrc a' bhaile a bhith an lùib nam pàipearan.
Trang
Thug Mgr MacAnndrais rabhadh do dhaoine gun a bhith ro fhadalach oir dh'fhaodadh duilgheadasan a bhith ann ma tha cus dhaoine a' sireadh cuideachaidh le a bhith a' lìonadh nam foirmaichean aig a' mhionaid mu dheireadh.
"Tha sinn trang mar thà le daoine a dh'iarr coinneachadh leinn.
"Bidh Roinn an Àiteachais fosgailte Disathairne, an 14mh, agus bidh iad-san gu math trang cuideachd agus mura faigh daoine a-staigh, tha iad a-mach.
"'S e a' chomhairle a bheirinn-sa dha daoine, 's e rud a dhèanamh mu dheidhinn san spot agus uair a chur air dòigh, cuir fon gu Roinn an Àiteachais, neo chun na colaiste, neo cuideigin, neo ma tha iad ga dhèanamh iad fhèin, a dhèanamh," thuirt e.
Thug Mgr MacAnndrais rabhadh gum faodadh e a bhith gu math daor do dhaoine nach cum ris a' cheann-là agus a chailleas cothrom air taic-airgid na bliadhna seo.
"Mura cuir daoine feum air taic-airgid na bliadhna seo, chan eil càil a chinnt dè a thachras riutha.
"'S dòcha nach fhaigh iad taic an ath-bhliadhna, chan eil sinn buileach cinnteach mu dheidhinn sin fhathast," thuirt Mgr MacAnndrais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2015
