Cùmhnant ath-nuadhachail son Bàgh an Eige
Fhuair port Bhàgh an Eige air taobh sear Rois, air an deach tòrr airgid a chosg ga ùrachadh, cùmhnant mòr airson cumhachd ath-nuadhachail.
Thèid na crainn airson tuath gaoithe mara Bheatrice a chuir ri chèile ann - ged nach tèid an uidheamachd fhèin a thogail ann.
Tha eòlaichean ag ràdh gur e seo toiseach tòiseachaidh cùmhnantan mòra cùmhachd ath-nuadhachail mara air a' Ghàidhealtachd.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.