Goireas ùr airson uidheamachd àiteachais a chlàradh
Chaidh goireas ùr fhoillseachadh a leigeas le tuathanaich is croitearan an uidheamachd aca a chlàradh air stòr-dàta sònraichte.
Tha dòchas ann gum bi an clàr- air a bheil an t-ainm CESAR - na chuideachadh dhan na polais nuair a tha iad a' sireadh charabadan agus uidheaman àiteachais a thèid a ghoid bho thuathanasan agus croitean.
Chuala Seonaidh MacCoinnich tuilleadh mun iomairt aig tachartas mu eucoir dhùthchail a chaidh a chumail aig margaidh sprèidh Inbhir Pheofharain.