Trèanadh ann an ciad cobhair ga thoirt seachad ann an stèiseanan smàlaidh
Tha greim-cridhe aig trì gu leth mìle duine ann an Alba gach bliadhna air taobh muigh ospadail.
Chan eil ach aon duine às gach fichead a thig beò às.
Ach 's e an rud - dh'fhaodadh ann an iomadh suidheachadh ciad cobhair an cothrom faighinn seachad air a dhùblachadh.
Ann an oidhirp na sgilean sin a thoirt do dhaoine, faodar trèanadh fhaighinn aig stèiseanan smàlaidh air feadh na dùthcha.
Chaidh Iain MacDiarmaid an cois buidhean de luchd-obrach aig an robh adhbhar sònraichte a bhith ann...