Coille Loch Airceig leis a' choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Tha leasachadh san amharc aig Coille Loch Airceig ann an Loch Abar is a' choimhearsnachd agus Urras nan Coilltean air a ceannach.
Tha iad an dòchas a' choille dhùthchasach ath-bheothachadh.
Chaidh iomairt a chur air bhonn sa Ghiblean gus £500,000 a thogail a chùm a' choille a cheannach. Thug Crannchur Poblach nan Còdan-Puist airgead seachad cuideachd.
Thuige seo chaidh £2.9m a thogail a dh'ionnsaigh a' choille a cheannach agus pròiseactan ath-bheothachaidh a mhaoineachadh. Tha Urras Coimhearsnachd Airceig an dòchas £4.5m a thogail uile gu lèir.
Tha 2,500 acair ann an Coille Loch Airceig, is i aithnichte airson chraobhan giuthais.
'S e coille car ainmeil a th'ann - rinn feachdan sònraichte trèanadh innte aig àm an Dàrna Ccogaidh, is nochd i ann am fiolmaichean Harry Potter.
Tha comharraidhean loisgte fhathast air cuid de na craobhan giuthais sa choille, bho eacarsaichean nan saighdearan le peilearan beò.
Nam measg tha craobhan a chaidh a ghlèidheadh an dèidh dhaibh a bhith air am bruich san ròsaid aca fhèin, 's na peilearan air teine adhbharachadh.
Cuideachd, a rèir beul-aithris, chaidh òr a bha na Fraingich a' cur gu Teàrlach Eideard Stiùbhart a thìodhlacadh sa choillidh.
Chaidh tòrr chraobhan a leagail roimhe air adbharan coimearsalta.
Thuirt Urras nan Coilltean is a' choimhearsnachd, a th' air a' choille a cheannach, gu bheil iad airson ath-bheothachadh nàdarra a thoirt oirre.

Feuchaidh iad cuideachd ri a cur gu feum 'son turasachd, am measg eile.
"'S e mòmaid shònraichte a tha seo," thuirt Gary Servant, bho Urras Coimhearsnachd Airceig.
"Chaidh am fearann a cheannach, agus tha cothrom iongantach againn obrachadh còmhla gus a' choille dhùthchasach a tha seo ath-nuadhachadh, agus ceangal a dhèanamh às ùr eadar muinntir na sgìre agus na coilltean aca.
"Tha a h-uile duine air bhioran, agus tha sinn cho taingeil dhan a h-uile duine a th' air taic a thoirt dhuinn 's a chuir ris an iomairt."
Thuirt Stiùiriche Albannach Urras nan Coilltean, Carol Evans: "Nì sinn co-chomhairle fharsainn air na planaichean mionaideach againn airson na coille.
"Tha sinn airson gun tèid an t-àite sònraichte seo a stèidheachadh mar shlat-tomhais airson ath-bheothachadh gach cuid na coille dùthchasaich agus na coimhearsnachd ionadail."
"Thuirt àrd-stiùiriche Iomairt Coille Alba, Sìm Hodge: "B' e seo fear de na h-iarrtasan mu dheireadh a fhuair Sgeama Nàiseanta an Fhearainn Choille."
"Tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a' faicinn mar a dh'obraich Urras Coimhearsnachd Airceig agus Urras nan Coilltean còmhla a dh'ionnsaigh nan amasan a bh' aca le chèile."